Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

64 Iomraidhean Croise  

Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.

Rid shlàinte dh’fheith mise, O Thighearna.

Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as: mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd agus mo dhìdean: m’fhear-saoraidh, o ainneart saoraidh tusa mi.

Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig-sa; agus air àrdachadh gu robh Dia, carraig mo shlàinte.

Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh, agus da shliochd gu bràth.

Oir dhaingnich thu dhut fhèin do shluagh Israel, gu bhith nan sluagh dhut gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca.

Falbh agus innis dom òglach Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An tog thusa taigh dhòmhsa, a‑chum gun gabhainn còmhnaidh ann?

Gu dearbh thog mise taigh-còmhnaidh dhut, àite deas a‑chum thu a dh’fhantainn ann gu bràth.

Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia mòr as lugha na sin an taigh seo a thog mise?

Is esan an Tighearna ar Dia-ne; air feadh na talmhainn uile tha a bhreitheanais-san.

A Dhè mo chliù, na bi ad thosd.

Is e an Tighearna mo neart agus mo cheòl, agus is e mo shlàinte.

Molaidh mi thu, oir dh’èisd thu rium, agus is tu mo shlàinte.

Is tusa mo Dhia, agus molaidh mi thu; mo Dhia, àrdaichidh mi thu.

Gus am faigh mi àite don Tighearna, ionad-còmhnaidh do Dhia treun Iàcoib.

A Iehòbhah, a Thighearna, neart mo shlàinte, dh’fhalaich thu mo cheann ann an là a’ chatha.

Ardaichidh mi thu, mo Dhia, mo Rìgh, agus beannaichidh mi d’ainm gu saoghal nan saoghal.

Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig-sa, agus air àrdachadh gu robh Dia mo shlàinte!

Ortsa thilgeadh mi on bhroinn; o bhroinn mo mhàthar is tusa mo Dhia.

Ach tha thusa naomh, ann ad chòmhnaidh far a bheil cliù Israeil.

Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?

Is e an Tighearna neart a shluaigh, agus is esan neart slàinte a aoin ungte fhèin.

Molaidh mi thu, a Thighearna, oir thog thu suas mi, agus cha tug thu air m’eascairdean gàirdeachas a dhèanamh os mo chionn.

Molaibh an Tighearna leamsa, agus àrdaicheamaid a ainm le chèile.

Oir is e an Dia seo ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal; stiùraidh e sinn gu ruig am bàs.

O thusa mo neart, canaidh mi dhut; oir is e Dia mo dhaingneach, mo Dhia-sa, mo thròcair.

Is e ar Dia-ne Dia na slàinte, agus don Tighearna Dia buinidh an t‑slighe on bhàs.

Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig stòl a chas; is naomh esan.

Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig a shliabh naomh, oir is naomh an Tighearna ar Dia.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Eiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh.

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

Agus their thu ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Is e Israel mo mhac, mo chiad-ghin:

An sin chòmhdaich neul bùth a’ choitheanail, agus lìon glòir an Tighearna am pàillean.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.

O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn do chomhairlean o shean.

Ach saorar Israel anns an Tighearna le saorsa shìorraidh; cha nàraichear sibh, cha mhò a mhaslaichear sibh, feadh linn na sìorraidheachd.

Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.

Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?

Gu deimhinn chan eil ach dìomhanas anns na cnuic, ann an neart nan slèibhtean; gu deimhinn anns an Tighearna ar Dia-ne tha slàinte Israeil.

Ach seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil: An dèidh nan làithean sin, deir an Tighearna, cuiridh mi mo reachd nan taobh a‑staigh, agus sgrìobhaidh mi air an cridheachan e, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nam poball.

Agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia.

Chaidh thu a‑mach airson tèarnadh do shluaigh, airson tèarnadh do mhuinntir ungte: bhuail thu an ceann o thaigh an aingidh; leig thu ris na bunaitean gu ruig a’ mhuineil. Selah.

Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean.

Oir chunnaic mo shùilean do shlàinte,

Tha sibhse a’ dèanamh adhraidh don nì nach aithne dhuibh: tha sinne a’ dèanamh adhraidh don nì as aithne dhuinn: oir is ann o na h‑Iùdhaich a tha slàinte.

A‑chum gun tugadh na h‑uile dhaoine urram don Mhac, amhail a tha iad a’ toirt urraim don Athair. An tì nach eil a’ toirt urraim don Mhac, chan eil e a’ toirt urraim don Athair a chuir uaithe e.

Agus chan eil slàinte ann an neach air bith eile: oir chan eil ainm air bith eile fo nèamh air a thabhairt am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhith air ar tèarnadh.

Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite.

Anns a bheil sibhse mar an ceudna air ur co‑thogail suas a‑chum a bhith nur taigh-còmhnaidh do Dhia tre an Spiorad.

Is esan do chliù, agus is esan do Dhia, a rinn air do shon na nithean mòra agus uamhasach ud, a chunnaic do shùilean.

Agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Crìosd an Tighearna, a‑chum glòir Dhè an t‑Athair.

Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi.

Oir annsan tha uile iomlanachd na Diadhachd a’ gabhail còmhnaidh gu corporra.

Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.

Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr-shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia:

Sguab sruth Chisoin air falbh iad, an seann sruth sin, sruth Chisoin. O m’anam, shaltair thu sìos neart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan