Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir chaidh eich Phàraoh a‑steach le a charbadan agus le a mharc-shluagh anns an fhairge, agus thug an Tighearna uisgeachan na fairge air an ais orra; ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Deasaichear an t‑each fa chomhair là a’ chatha; ach is ann on Tighearna a tha tèarainteachd.

A bheir a‑mach an carbad agus an t‑each, an armailt agus am feachd; le chèile laighidh iad sìos, agus chan èirich iad; chuireadh as iad, mhùchadh iad mar asgart.

Tre chreideamh chaidh iad tre an mhuir ruaidh, mar tre thalamh tioram: nì nuair a thug na h‑Eiphitich ionnsaigh air a dhèanamh, bhàthadh iad.

Oir thiormaich an Tighearna ur Dia suas uisgeachan Iòrdain romhaibhse, gus an deachaidh sibh thairis, mar a rinn an Tighearna ur Dia air a’ mhuir ruaidh, a thiormaich e suas romhainn, gus an robh sinn air dol thairis;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan