Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Rìghichidh an Tighearna gu saoghal nan saoghal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus shuidhich Abrahàm doire chraobh aig Beer-sèba, agus ghairm e an sin air ainm an Tighearna, an Dia sìorraidh.

Tha an Tighearna na Rìgh gu saoghal nan saoghal; sgriosadh na cinnich a‑mach as a thìr.

Rìoghaichidh an Tighearna gu bràth, do Dhia-sa, a Shion, o linn gu linn. Molaibh-se an Tighearna.

Suidhidh an Tighearna air an tuil, agus suidhidh an Tighearna na Rìgh gu sìorraidh.

Agus bheir esan breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, nì e breitheanas don t‑sluagh ann an ceartas.

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.

Cia mòr a chomharraidhean! Agus cia cumhachdach a mhìorbhailean! A rìoghachd-san is rìoghachd shìorraidh i, agus tha a uachdaranachd o linn gu linn.

Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i.

Agus bheirear an rìoghachd agus an uachdaranachd, agus mòrachd na rìoghachd fo nèamh uile, do mhuinntir naomh an Tì as ro‑àirde, aig a bheil a rìoghachd na rìoghachd shìorraidh, agus bheir na h‑uile thighearnais ùmhlachd agus gèill dha.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

Agus bha e na rìgh ann an Iesurun, nuair a chruinnich ceannardan an t‑sluaigh agus treubhan Israeil an ceann a chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan