Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bheir thu a‑steach iad, agus suidhichidh tu iad ann an sliabh d’oighreachd, anns an àit a rinn thu dhut fhèin, a Thighearna, a‑chum còmhnaidh a ghabhail ann, anns an ionad naomh, a Thighearna, a dhaingnich do làmhan-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus òrdaichidh mi àite airson mo shluaigh Israel, agus suidhichidh mi iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh nan àite fhèin, agus cha ghluaisear iad nas mò: agus cha sàraich clann na h‑aingidheachd iad tuilleadh mar air tùs,

Gu dearbh thog mise taigh-còmhnaidh dhut, àite deas a‑chum thu a dh’fhantainn ann gu bràth.

Bha Iùdah dha mar a chòmhnaidh naomh, Israel mar a thighearnas.

Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.

Led làimh thilg thu a‑mach na cinnich, ach shuidhich thu iadsan; chlaoidh thu na slòigh, ach thug thu orrasan soirbheachadh.

Carson a leumas sibh, a bheanntan àrda? Is i seo a’ bheinn anns am miann le Dia còmhnaidh a ghabhail; seadh, còmhnaichidh an Tighearna innte gu bràth.

Agus ann an Sàlem tha a phàillean, agus a ionad-còmhnaidh ann an Sion.

Agus am fìonlios a shuidhich do dheaslàmh, agus am meanglan a neartaich thu dhut fhèin.

Thug thu fìonan as an Eiphit; thilg thu a‑mach na cinnich, agus shuidhich thu i.

Threòraich thu ann ad thròcair an sluagh seo a shaor thu; thug thu iad ann ad neart a‑chum àite-còmhnaidh do naomhachd.

Feuch, cuiridh mise aingeal romhad, gud choimhead anns an t‑slighe, agus gud thabhairt a‑steach don àit a dh’ullaich mi.

Agus nì iad dhomh ionad naomh, agus gabhaidh mise còmhnaidh nam measg.

Uime sin a‑nis imich, treòraich an sluagh a‑chum an ionaid mun do labhair mi riut; feuch, thèid m’aingeal romhad: gidheadh, anns an là anns am fiosraich mi, leanaidh mi am peacadh orra.

Gidheadh shuidhich mise thu ad fhìonain uasail, gu h‑iomlan ad shìol ceart: ach cionnas a chaochail thu orm, a’ gheug chrìonaich na fìonain choimhich?

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Gnàthaichidh iad fhathast a’ chainnt seo ann am fearann Iùdah, agus na bhailtean, nuair a bheir mise air a h‑ais am bruid, Gum beannaicheadh an Tighearna thu, O àite-còmhnaidh a’ cheartais, O shlèibh na naomhachd.

Seadh, nì mi gàirdeachas os an cionn a‑chum math a dhèanamh dhaibh, agus suidhichidh mi iad anns an fhearann seo gu deimhinn, lem uile chridhe, agus lem uile anam.

A thuilleadh air seo nì mise coicheangal sìthe riu; bidh e na choicheangal sìorraidh riu, agus suidhichidh mi iad, agus nì mi lìonmhor iad, agus cuiridh mi mo naomh-ionad nam meadhon gu bràth.

Agus aithnichidh na cinnich gur mise Iehòbhah a naomhaicheas Israel, nuair a bhios mo naomh-ionad nam meadhon gu sìorraidh.

Gairmidh iad an sluagh a‑chum na beinne; an sin ìobraidh iad ìobairtean ionracais: oir pailteas nan cuan sùghaidh iad suas, agus ionmhais fhalaichte na gaineimh.

Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg-ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh-ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan