Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich iad: agus bha eagal Dhè air na bailtean a bha mun cuairt orra, agus cha do rinn iad tòireachd air mic Iàcoib.

Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh-sa, cosmhail ri Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, agus a dhèanamh ainme dha fhèin, agus a dhèanamh air an son nithean mòra agus uamhasach, airson do thìre, am fianais do shluaigh a shaor thu dhut fhèin as an Eiphit, o na cinnich agus on diathan?

Bha aoibhneas air an Eiphit nuair a chaidh iad a‑mach, oir thuit an eagal-san orra.

Cuimhnich do choitheanal, a cheannaich thu o chian, a shaor thu; slat d’oighreachd, beinn Shioin seo anns an do ghabh thu còmhnaidh.

Is iad ceartas agus breitheanas àite-tàimh do rìgh-chathrach; thèid tròcair agus fìrinn rod ghnùis.

Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Eiphitich agus Israel.

Threòraich thu ann ad thròcair an sluagh seo a shaor thu; thug thu iad ann ad neart a‑chum àite-còmhnaidh do naomhachd.

Dh’fhalaich na doimhneachdan iad; chaidh iad sìos don aigeann mar chloich.

Rinneadh do dheaslàmh, O Thighearna, glòrmhor ann an cumhachd; bhris do dheaslàmh, O Thighearna, an nàmhaid na bhloighdean.

Agus dh’innis Maois da athair-cèile gach nì a rinn an Tighearna air Phàraoh, agus air na h‑Eiphitich air sgàth Israeil, gach saothair a thàinig orra air an t‑slighe, agus cionnas a shaor an Tighearna iad.

Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Feuch, cuiridh mise aingeal romhad, gud choimhead anns an t‑slighe, agus gud thabhairt a‑steach don àit a dh’ullaich mi.

Ach ma dh’èisdeas tu da‑rìribh ri a ghuth, agus ma nì thu gach nì a labhras mise, an sin bidh mi am nàmhaid dod nàmhaid-sa, agus claoidhidh mi iadsan a chlaoidheas thu:

Cuiridh mi m’eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile a dh’ionnsaigh an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdean gu lèir an cùl a thionndadh riut.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Nach tusa a thiormaich an fhairge, uisgeachan na doimhne mòire, a rinn doimhneachdan na fairge nan slighe don mhuinntir shaorte gu dol thairis?

A stiùir iad aig deaslàimh Mhaois le a ghàirdean glòrmhor; a’ sgoltadh nan uisgeachan roimhe, a dhèanamh ainm sìorraidh dha fhèin?

Oir shaor an Tighearna Iàcob, agus dh’fhuasgail e e o làimh an fhir a bu treasa na e fhèin.

Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.

Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd-coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.

Cha seas duine nur n‑aghaidh; air gach fearann air an saltair sibh, cuiridh an Tighearna ur Dia eagal agus geilt-chrith romhaibh, a rèir mar a thubhairt e ribh.

Air an là‑an‑diugh tòisichidh mi air d’uamhann-sa agus d’eagal a chur air na cinnich a tha fo nèamh uile, a chluinneas iomradh ort: agus criothnaichidh iad, agus bidh cràdh orra ad làthair.

Agus àithn thusa don t‑sluagh, ag ràdh, Tha sibh gu dol tro chrìch ur bràithrean, clann Esau, a tha a chòmhnaidh ann an Seir, agus bidh eagal orra romhaibh: ach thugaibh aire mhath dhuibh fhèin.

An ann mar seo a dh’ìocas sibh don Tighearna, O shluaigh amaidich agus gun chèill? Nach esan d’athair a cheannaich thu? Nach do rinn e thu agus nach do dhaingnich e thu?

Oir is e a shluagh cuibhreann an Tighearna; is e Iàcob crannchur a oighreachd-san.

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Agus thubhairt i ris na daoine, Tha fhios agam gu bheil an Tighearna air toirt dhuibh na tìre, agus gu bheil ur n‑uamhas air tuiteam oirnne, agus gu bheil luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as le eagal romhaibh:

A‑chum gun aithnich sluagh na talmhainn uile làmh an Tighearna, gu bheil i cumhachdach: a‑chum gum bi eagal an Tighearna ur Dia oirbh am feasd.

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:

Ach bha fàidhean brèige mar an ceudna am measg an t‑sluaigh, amhail a bhios luchd-teagaisg brèige nur measg-se, dream a bheir a‑steach an uaigneas saobh-chreideamh millteach, eadhon ag àicheadh an Tighearna a cheannaich iad, agus a bheir sgrios obann orra fhèin.

Casan a naomh gleidhidh e, agus bidh na h‑aingidh tosdach ann an dorchadas; oir le neart cha bhuadhaich duine sam bith.

Ach anns a’ mhadainn, nuair a chaidh am fìon à Nàbel, agus a dh’innis a bhean dha na nithean sin, bhàsaich a chridhe an taobh a‑staigh dheth, agus bha e mar chloich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan