Ecsodus 15:15Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin bidh uamhann air cinn-fheadhna Edoim, thig geilt-chrith air daoine treuna Mhòaib; leaghaidh air falbh luchd-àiteachaidh Chanàain uile. Faic an caibideil |
Agus tàrlaidh, nuair a their iad riut, Carson a tha thu ag osnaich? gum freagair thusa, Airson an sgeòil, a chionn gu bheil e a’ teachd: agus leaghaidh gach aon chridhe, agus bidh na h‑uile làmhan lag, agus gach aon spiorad fann, agus na h‑uile ghlùinean anfhann mar uisge: feuch tha e a’ teachd, agus bheirear e gu crìch, deir an Tighearna Dia.
Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil.