Ecsodus 15:14Am Bìoball Gàidhlig 1992Nuair a chluinneas na cinnich bidh eagal orra; thig doilgheas air luchd-àiteachaidh Phailistìna. Faic an caibideil |
Agus innsidh iad e do luchd-àiteachaidh an fhearainn seo: oir chuala iad gu bheil thusa, a Thighearna, am measg an t‑sluaigh seo; gu bheil thusa, a Thighearna, air d’fhaicinn aghaidh ri aghaidh; agus gu bheil do neul a’ seasamh os an cionn; agus gu bheil thu ag imeachd romhpa, ann am meall neòil anns an là, agus ann am meall teine anns an oidhche.
Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo.