Shìn thu a‑mach do dheaslàmh; shluig an talamh suas iad.
Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.
Rinneadh do dheaslàmh, O Thighearna, glòrmhor ann an cumhachd; bhris do dheaslàmh, O Thighearna, an nàmhaid na bhloighdean.
Seo a’ chomhairle a tha air a suidheachadh mun talamh uile; agus seo an làmh a tha sìnte a‑mach thar nan uile chinneach.