Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Shèid thu led ghaoith, chòmhdaich an fhairge iad, chaidh iad fodha mar luaidh anns na h‑uisgeachan làidir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan;

Oir bha an cath sin air sgaoileadh air aghaidh na tìre uile; agus chuir a’ choille as do thuilleadh sluaigh air an là sin na chuir an claidheamh.

Agus roinn thu a’ mhuir romhpa agus chaidh iad tro mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd-tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h‑uisgeachan làidir.

Is esan a bheir air a’ cheò dol suas o chrìch na talmhainn, a nì dealanach le uisge, a bheir a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh,

Cuiridh e a‑mach a fhacal, agus leaghaidh e iad; sèididh a’ ghaoth, sruthaidh na h‑uisgeachan.

Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thug an Tighearna air an fhairge dol air a h‑ais le gaoith làidir on ear, rè na h‑oidhche sin, agus rinn e an fhairge na talamh tioram, agus roinneadh na h‑uisgeachan.

Dh’fhalaich na doimhneachdan iad; chaidh iad sìos don aigeann mar chloich.

Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?

Agus millidh an Tighearna teanga na fairge Eiphitich, agus crathaidh e a làmh os cionn na h‑aibhne le a ghaoith làidir; agus buailidh e i na seachd sruthan agus bheir e orra imeachd troimhpe le casan tioram.

Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, bheir e air a’ cheò dol suas o chrìochan na talmhainn: nì e dealanach le frasan, agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh.

Dh’èigh iad an sin, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, chuir ioma-luasgadh bacadh air a’ choinneamh a shuidhicheadh.

Oir feuch, esan a dhealbhas na slèibhtean, agus a chruthaicheas a’ ghaoth, agus a dh’fhoillsicheas do dhuine ciod as smuaintean dha; esan a nì a’ mhadainn na dorchadas, agus a shaltras air ionadan àrda na talmhainn, Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm.

Ach ghabh na daoine iongantas, ag ràdh, Ciod e a’ ghnè dhuine seo, gu bheil na gaothan fhèin agus an fhairge umhail dha?

Agus ciod a rinn e ri armailt nan Eiphiteach, rin eich, agus rin carbadan; cionnas a thug e air uisge na mara ruaidhe dol tharta nuair a bha iad an tòir oirbh, agus cionnas a sgrios an Tighearna iad gus an là‑an‑diugh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan