Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach chaidh na h‑Eiphitich air an tòir (eich agus carbadan Phàraoh, agus a mharc-shluagh, agus a armailt uile), agus rug iad orra, agus iad a’ campachach làimh ris an fhairge, làimh ri Pi‑hahirot, fa chomhair Bhàal-sèphoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Ach threòraich Dia an sluagh mun cuairt, air slighe fàsach na mara ruaidhe: agus chaidh clann Israeil suas ann an òrdagh catha à tìr na h‑Eiphit.

Labhair ri cloinn Israeil, gun till iad, agus gun campaich iad fa chomhair Phi-hahiroit, eadar Migdol agus an fhairge, fa chomhair Bhàal-sèphoin; fa choinneamh-san campaichidh sibh làimh ris an fhairge.

Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.

Agus dh’imich iad o Etam, agus thill iad a‑rìs gu Pihahirot, a tha fa chomhair Bhàal-sèphoin: agus champaich iad fa chomhair Mhigdol.

Agus thug mi ur n‑athraichean as an Eiphit: agus thàinig sibh a dh’ionnsaigh na fairge; agus lean na h‑Eiphitich ur n‑athraichean le carbadan agus marc-shluagh gus a’ mhuir ruaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan