Led luchd-muinntir mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a’ chuid as àirde de a chraobhan seudair, rogha a chraobhan giuthais; agus thèid mi a‑steach do ionad àrd a chrìche, frìth a Charmeil.
Agus sgrios an Tighearna Sisera, agus a charbadan uile, agus a shluagh uile, le faobhar a’ chlaidheimh ro Bharac: agus theirinn Sisera sìos o a charbad, agus theich e as da chois.
Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna: oir bha naoi ceud carbad iarainn aige; agus rinn e ainneart air cloinn Israeil gu ro‑mhòr rè fichead bliadhna.