Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’innseadh do rìgh na h‑Eiphit gun do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Phàraoh agus a sheirbhiseach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod e seo a rinn sinn, gun do leig sinn le Israel imeachd as ar seirbhis?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innseadh do Làban, air an treas là, gun do theich Iàcob.

Dh’iompaich e an cridhe gu fuath a thoirt da shluagh, agus gu buntainn gu cealgach ra sheirbhisich.

Agus thug na h‑Eiphitich dian-sparradh don t‑sluagh, a‑chum gun cuireadh iad le cabhaig a‑mach as an tìr iad; oir thubhairt iad, Is daoine marbha sinn gu lèir.

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.

Agus bheartaich e a charbad, agus thug e a shluagh maille ris;

Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan