Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Agus nochd thu comharraidhean agus iongantasan air Phàraoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air uile shluagh a thìre; oir bha fhios agad gun do rinn iad gu h‑uaibhreach nan aghaidh: agus fhuair thu dhut fhèin ainm, mar air an là‑an‑diugh.

Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Eiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna.

Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha leigeadh e leo imeachd.

Agus dh’fhalbh clann Israeil, agus rinn iad mar seo; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad.

Agus lean na h‑Eiphitich, agus chaidh iad a‑steach nan dèidh gu meadhon na fairge, eadhon eich Phàraoh uile, a charbadan, agus a mharc-shluagh.

Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.

Oir their Phàraoh mu chloinn Israeil, Tha iad air seachran anns an tìr, dh’iadh am fàsach man timcheall.

Agus dh’innseadh do rìgh na h‑Eiphit gun do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Phàraoh agus a sheirbhiseach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod e seo a rinn sinn, gun do leig sinn le Israel imeachd as ar seirbhis?

Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus lean e air tòir chloinn Israeil: agus chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird.

A‑nis, tha fhios agam gur mò an Tighearna na na h‑uile dhiathan; oir anns an nì sin anns an do rinn iad gu h‑uaibhreach, bha esan os an cionn.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh. Ann an seo aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t‑slait a tha am làimh na h‑uisgeachan a tha anns an abhainn, agus tionndaidhear iad gu fuil.

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus nì mi mo chomharraidhean agus m’iongantasan lìonmhor ann an tìr na h‑Eiphit.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.

Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile.

Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach truaillte e an làthair nan cinneach am measg an robh iad, agus an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh nan sealladh, len toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Shìdoin, agus bidh mi air mo ghlòrachadh ann ad mheadhon: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna, nuair a nì mi innte breitheanais, agus a bhios mi air mo naomhachadh innte.

Nuair a nì mi tìr na h‑Èiphit na fàsach, agus a bhios an dùthaich falamh den nì sin den robh i làn, nuair a bhuaileas mi na h‑uile a tha a chòmhnaidh innte, an sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh-sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl.

Mar seo nì mi mòr mi fhèin, agus naomhaichidh mi mi fhèin: agus aithnichear mi ann an sùilean mòran chinneach, agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna.

Seadh, bidh uile shluagh an fhearainn gan adhlacadh, agus bidh là mo ghlòire-sa iomraiteach nam measg, deir an Tighearna Iehòbhah.

An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.

Mar a tha e sgrìobhte, Thug Dia dhaibh spiorad suaine, sùilean a‑chum nach faiceadh iad, agus cluasan a‑chum nach cluinneadh iad, gus an là‑an‑diugh.

Oir tha an sgriobtar ag ràdh ri Phàraoh, Is ann a‑chum na crìche seo fhèin a thog mi suas thu, a‑chum gum foillsichinn mo chumhachd annad, agus a‑chum gum biodh m’ainm iomraiteach air feadh na talmhainn uile.

Uime sin nì e tròcair air an tì as àill leis, agus an tì as àill leis cruadhaichidh e.

Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus tàirngidh mise ad ionnsaigh gu sruth Chisoin, Sisera, ceannard armailtean Iabin, le a charbadan agus a mhòr-shluagh; agus bheir mi thairis e dod làimh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan