Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo shaor an Tighearna Israel air an là sin à làimh nan Eiphiteach: agus chunnaic Israel na h‑Eiphitich marbh air tràigh na fairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Mar seo shaor an Tighearna Heseciah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim à làimh Shenacherib rìgh Asiria, agus à làimh nan uile, agus stiùir e iad air gach taobh.

Agus theasairg e iad o làimh an tì a thug fuath dhaibh, agus shaor e iad o làimh an nàmhaid.

Gidheadh theasairg e iad air sgàth a ainme fhèin, a‑chum gun nochdadh e a chumhachd.

Bidh aoibhneas air an fhìrean, nuair a chì e an dìoghaltas; nighidh e a chasan ann am fuil an duine aingidh.

Mo Dhia, gabhaidh a thròcair romham: bheir Dia dhomh gum faic mi mo mhiann air m’eascairdean.

A‑mhàin led shùilean seallaidh tu, agus chì thu dìol nan aingidh.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Eiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh.

An sin chuimhnich e na làithean o shean, Maois agus a shluagh, ag ràdh, Cia esan a thug a‑nìos iad on fhairge, le buachaille a threud? Cia esan a chuir a Spiorad naomh an taobh a‑staigh dheth?

Oir thubhairt e, Gu deimhinn is iad mo shluagh, clann nach dèan breug; agus bha e na Shlànaighear dhaibh.

Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.

Ach air taigh Iùdah nì mi tròcair, agus tèarnaidh mi iad leis an Tighearna an Dia, agus chan ann le bogha no le claidheamh a thèarnas mi iad, no le cath, no le eich, no le marcaich.

No an d’fheuch Dia ri dol gu cinneach a ghabhail dha fhèin, o mheasg cinnich eile, le deuchainnean, le comharraidhean, agus le iongantasan, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhasan mòra, a rèir nan uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl?

Uime sin is àill leam ur cur an cuimhne, ged bha fhios agaibh aon uair air seo, cionnas an dèidh don Tighearna am poball a shaoradh à tìr na h‑Eiphit, a sgrios e an dèidh sin an dream nach do chreid.

Agus thubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Nach do shaor mise sibh o na h‑Eiphitich, agus o na h‑Amoraich, o chloinn Amoin, agus o na Philistich?

Agus thubhairt Saul, Cha chuirear duine gu bàs air an là seo; oir an‑diugh dh’obraich an Tighearna saorsa ann an Israel.

Mar sin shaor an Tighearna Israel air an là sin: agus chaidh an cath thairis gu Bet-abhen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan