Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Eliah a fhallaing, agus dh’fhill e cuideachd i, agus bhuail e na h‑uisgeachan, agus roinneadh iad a‑null agus a‑nall; agus chaidh iadsan nan dithis thairis air talamh tioram.

Agus roinn thu a’ mhuir romhpa agus chaidh iad tro mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd-tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h‑uisgeachan làidir.

Agus smachdaich e a’ mhuir ruadh, agus thiormaicheadh i; agus threòraich e iad tro na doimhneachdan, mar tro fhàsach.

Dhàsan a roinn a’ mhuir ruadh na roinnean, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis, agus thug e air na h‑uisgeachan seasamh mar thòrr.

Agus chaidh clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì.

Oir chaidh eich Phàraoh a‑steach le a charbadan agus le a mharc-shluagh anns an fhairge, agus thug an Tighearna uisgeachan na fairge air an ais orra; ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge.

Agus le anail do shròine chruinnicheadh na h‑uisgeachan; sheas na tuiltean suas mar thòrr, chruadhaich na doimhneachdan ann am meadhon na fairge.

Agus millidh an Tighearna teanga na fairge Eiphitich, agus crathaidh e a làmh os cionn na h‑aibhne le a ghaoith làidir; agus buailidh e i na seachd sruthan agus bheir e orra imeachd troimhpe le casan tioram.

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Nach tusa a thiormaich an fhairge, uisgeachan na doimhne mòire, a rinn doimhneachdan na fairge nan slighe don mhuinntir shaorte gu dol thairis?

Agus gun dìochuimhnicheadh tu an Tighearna do Chruithear a shìn a‑mach na nèamhan, agus a leag stèidh na talmhainn; agus gum biodh sìor-eagal ort gach là, airson corraich an fhir-shàrachaidh, mar gum biodh e ullamh gu sgrios? Agus càit a bheil corraich an fhir-shàrachaidh?

Os bàrr, a bhràithrean, cha b’àill leam sibhse a bhith aineolach gu robh ar n‑athraichean uile fon neul, agus gun deachaidh iad uile tron mhuir;

An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan