Agus thill na h‑uisgeachan, agus dh’fhalaich iad na carbadan, agus am marc-shluagh, agus armailt Phàraoh uile, a thàinig anns an fhairge nan dèidh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.
Agus nuair a thàinig Iùdah làimh ri tùr na faire anns an fhàsach, dh’amhairc iad air an t‑sluagh mhòr, agus, feuch, bha iad nan cuirp mharbha air tuiteam gu talamh, agus cha deachaidh duine as dhiubh.
Agus roinn thu a’ mhuir romhpa agus chaidh iad tro mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd-tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h‑uisgeachan làidir.
Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Eiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh.
Oir chaidh eich Phàraoh a‑steach le a charbadan agus le a mharc-shluagh anns an fhairge, agus thug an Tighearna uisgeachan na fairge air an ais orra; ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge.
Chaidh thu a‑mach airson tèarnadh do shluaigh, airson tèarnadh do mhuinntir ungte: bhuail thu an ceann o thaigh an aingidh; leig thu ris na bunaitean gu ruig a’ mhuineil. Selah.
Agus ciod a rinn e ri armailt nan Eiphiteach, rin eich, agus rin carbadan; cionnas a thug e air uisge na mara ruaidhe dol tharta nuair a bha iad an tòir oirbh, agus cionnas a sgrios an Tighearna iad gus an là‑an‑diugh;
Ach lean Barac an dèidh nan carbad, agus an dèidh an t‑sluaigh, gu Haroset nan cinneach: agus thuit sluagh Shisera uile le faobhar a’ chlaidheimh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.