Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus bha eagal Dhè air uile rìoghachdan nan dùthchannan sin, nuair a chuala iad gun do chog an Tighearna an aghaidh naimhdean Israeil.

Agus dh’amhairc, agus dh’èirich mi, agus thubhairt mi ris na h‑àrd-uaislean, agus ris an luchd-riaghlaidh, agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh romhpa: cuimhnichibh an Tighearna mòr agus uamhasach, agus cogaibh airson ur bràithrean, ur mac, agus ur nigheanan, ur ban, agus ur taighean.

Agus nuair a chuala ar naimhdean uile e, agus a chunnaic na cinnich uile a bha mun cuairt dhuinn e, thilgeadh sìos gu mòr iad nan sùilean fhèin; oir dh’aithnich iad gum b’ann le ar Dia-ne a rinneadh an obair seo.

Agus roinn thu a’ mhuir romhpa agus chaidh iad tro mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd-tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h‑uisgeachan làidir.

Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh, agus dol as cha bhi aca; agus bidh an dòchas mar thoirt suas an deò.

Teichidh e ro na h‑arman iarainn; buailidh am bogha umha troimhe e.

Oir caithidh Dia air, agus cha chaomhain e: bu mhiann leis teicheadh as a làimh.

Tagair, a Tighearna, riùsan a thagras am aghaidh; cog nan aghaidh-san a chogas am aghaidh.

Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn; brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t‑sleagh; na carbadan-cogaidh loisgidh e le teine.

Theich, theich rìghrean nan armailtean, agus roinn ise a dh’fhan aig an taigh a’ chreach.

Led achmhasan, a Dhè Iàcoib, chuireadh araon am marcach agus an t‑each nan suain.

Cogaidh an Tighearna air ur son, agus fanaidh sibhse nur tosd.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a gheibh mi glòir a‑thaobh Phàraoh, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc-shluaigh.

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.

Is fear-cogaidh an Tighearna; is e an Tighearna as ainm dha.

Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium; mar a raoiceas an leòmhann, eadhon an leòmhann òg, os cionn a chobhartaich, nuair a chruinnichear buidheann bhuachaillean na aghaidh; cha ghabh e geilt ron guth, agus cha chaill e a mhisneach airson an co‑ghàir; is amhlaidh a thig Tighearna nan sluagh a‑nuas gu cogadh airson sliabh Shioin, agus airson a chnuic.

Agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an t‑each agus a mharcach; agus leatsa brisidh mi na bhloighdean an carbad, agus esan a shuidheas air:

Ach fadaidh mise teine air balla Rabah, agus loisgidh e sìos a lùchairtean, le iolaich ann an là a’ chatha, le cuairt-ghaoith ann an là na doininn.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

Chunnaic mi an Tighearna na sheasamh air an altair; agus thubhairt e, Buail an t‑àrd-doras, air chor is gun criothnaich na h‑ursannan: oir gearraidh mise anns a’ cheann iad, an t‑iomlan dhiubh; agus an sliochd marbhaidh mi leis a’ chlaidheamh: an tì a theicheas dhiubh cha tèid e as; agus an tì a ghabhas an ruaig dhiubh cha tèarnar e.

An Tighearna ur Dia, a tha a’ dol romhaibh, cogaidh esan air ur son, a rèir nan uile nithean a rinn e air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl,

Cha bhi eagal oirbh romhpa: oir cogaidh an Tighearna ur Dia e fhèin air ur son.

Oir mar ar carraig-ne chan eil an carraig-san, air bhith dar naimhdean fhèin nam britheamhan.

Agus cha robh là sam bith cosmhail ris an là sin, roimhe no na dhèidh, anns an d’èisd an Tighearna ri guth duine; oir chog an Tighearna airson Israeil.

Agus sgrios an Tighearna Sisera, agus a charbadan uile, agus a shluagh uile, le faobhar a’ chlaidheimh ro Bharac: agus theirinn Sisera sìos o a charbad, agus theich e as da chois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan