Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ann am faire na maidne dh’amhairc an Tighearna air sluagh nan Eiphiteach, tron mheall theine agus neòil; agus chlaoidh e armailt nan Eiphiteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus their thusa, Cionnas a tha fhios aig Dia? Tron dorchadas am breithnich e?

Gu h‑obann gheibh iad bàs, agus mu mheadhon-oidhche cuirear an sluagh fo bhuaireas, agus siùbhlaidh iad: agus bheirear an cumhachdach air falbh gun làmh.

Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.

Faic gach neach a tha uaibhreach, ìslich e, agus saltair sìos na droch dhaoine nan àite.

Seallaidh e air an talamh, agus criothnaichidh e; beanaidh e ris na beanntan, agus bidh deatach dhiubh.

Chunnaic iad, agus b’ioghnadh leo; bha uamhas orra, ghreas iad orra.

Agus stiùir e iad le neul anns an là, agus air feadh na h‑oidhche le solas teine.

Oir tha mìle bliadhna ann ad shealladh-sa mar an là‑an‑dè nuair a thèid e seachad, agus mar fhaire anns an oidhche.

Agus chaidh an Tighearna romhpa anns an là ann am meall neòil, a‑chum an treòrachadh air an t‑slighe, agus anns an oidhche ann am meall teine a thoirt solais dhaibh, gu imeachd a là agus a dh’oidhche.

Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.

Agus ged rachadh iad gu daorsa ron naimhdean, an sin bheir mise àithne don chlaidheamh, agus marbhaidh e iad: agus leagaidh mi mo shùilean orra a‑chum uilc, agus chan ann a‑chum maith.

Agus air an là màireach chuir Saul an sluagh nan trì buidhnean; agus thàinig iad gu meadhon an fheachda ann am faire na maidne, agus bhuail iad na h‑Amonaich gus an d’fhàs an là teth: agus sgapadh iadsan a mhair, air chor is nach d’fhàgadh dithis dhiubh cuideachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan