Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot-gilead? Agus thubhairt aon mar seo, agus aon eile mar siud.
Agus cruadhaichidh mise, eadhon mise, cridhe nan Eiphiteach, agus thèid iad a‑steach nan dèidh: agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh, agus a‑thaobh a shlòigh uile, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc-shluaigh.
Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.
Oir chaidh eich Phàraoh a‑steach le a charbadan agus le a mharc-shluagh anns an fhairge, agus thug an Tighearna uisgeachan na fairge air an ais orra; ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge.
Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.
Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh.