Ecsodus 14:22Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chaidh clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì. Faic an caibideil |
An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.