Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thug an Tighearna air an fhairge dol air a h‑ais le gaoith làidir on ear, rè na h‑oidhche sin, agus rinn e an fhairge na talamh tioram, agus roinneadh na h‑uisgeachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan;

Agus ghabh Eliah a fhallaing, agus dh’fhill e cuideachd i, agus bhuail e na h‑uisgeachan, agus roinneadh iad a‑null agus a‑nall; agus chaidh iadsan nan dithis thairis air talamh tioram.

Agus roinn thu a’ mhuir romhpa agus chaidh iad tro mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd-tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h‑uisgeachan làidir.

Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach.

Cia an rathad a dhealaichear an solas, a sgaoileas a’ ghaoth an ear air an talamh?

Dhàsan a roinn a’ mhuir ruadh na roinnean, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Teine agus clach-shneachda; sneachd agus ceò; gaoth dhoineannach a’ coileanadh a fhacail;

Thionndaidh e a’ mhuir gu talamh tioram; tron t‑sruth ghabh iad thairis dan cois; an sin rinn sinn gàirdeachas ann.

Sgaoil thusa an fhairge led neart, bhris thu cinn nan dràgon air na h‑uisgeachan.

Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis, agus thug e air na h‑uisgeachan seasamh mar thòrr.

Ach tog-sa suas do shlat, agus sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus thèid clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram.

Agus thàinig e eadar camp nan Eiphiteach agus camp Israeil, agus bha e na neul agus na dhorchadas dhaibh siud, ach shoillsich e an oidhche dhaibh seo, air chor is nach tàinig a h‑aon dhiubh am fagas da chèile rè na h‑oidhche.

Agus le anail do shròine chruinnicheadh na h‑uisgeachan; sheas na tuiltean suas mar thòrr, chruadhaich na doimhneachdan ann am meadhon na fairge.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Gabh do shlat, agus sìn a‑mach do làmh air uisgeachan na h‑Eiphit, air an aibhnichean, air an sruthan, agus air an lochan, agus air uile cho-chruinneachadh an uisgeachan, a‑chum is gum fàs iad nam fuil: agus bidh fuil air feadh tìr na h‑Eiphit uile, araon ann an soithichean fiodha, agus ann an soithichean cloiche.

Shìn e a làmh thar an fhairge; chrath e na rìoghachdan; thug an Tighearna àithne an aghaidh na cathrach a tha na ceannaiche, a‑chum a daingnichean làidir a sgrios.

Mar seo deir an Tighearna, esan a nì slighe anns an fhairge, agus rathad anns na h‑uisgeachan làidir;

A their ris an doimhne, Bi air do thiormachadh; agus tiormaichidh mi d’aibhnichean:

Carson, nuair a thàinig mi, nach robh aon neach ann? Nuair a ghairm mi, nach tug aon neach freagradh? A bheil mo làmh air fàs cho ro‑ghoirid is nach urrainn mi saoradh? Agus a bheil mi gun chumhachd agam gu tèarnadh? Feuch, lem achmhasan tiormaichidh mi an fhairge, nì mi na h‑aibhnichean nam fàsach; tha an iasg a’ lobhadh a dh’easbhaidh uisge, agus a’ bàsachadh le tart.

Nach tusa a thiormaich an fhairge, uisgeachan na doimhne mòire, a rinn doimhneachdan na fairge nan slighe don mhuinntir shaorte gu dol thairis?

Oir is mise an Tighearna do Dhia, a chiùinicheas an fhairge, nuair a bheucas a tonnan: is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.

A stiùir iad aig deaslàimh Mhaois le a ghàirdean glòrmhor; a’ sgoltadh nan uisgeachan roimhe, a dhèanamh ainm sìorraidh dha fhèin?

Gan stiùradh tron doimhne, mar each anns an fhàsach, ionnas nach tuislicheadh iad?

An robh corraich air an Tighearna ris na tuiltean? An robh d’fhearg an aghaidh nan aibhnichean? An robh do chorraich an aghaidh na fairge, gun do mharcaich thu air d’eich, agus air do charbadan slàinte?

Thug esan a‑mach iad an dèidh dha mìorbhailean, agus comharraidhean, a dhèanamh ann an tìr na h‑Eiphit, agus anns a’ mhuir ruaidh, agus anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna.

Oir chuala sinne cionnas a thiormaich an Tighearna suas uisge na mara ruaidhe romhaibh, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit; agus ciod a rinn sibh air dà rìgh nan Amorach, a bha air an taobh eile de Iòrdan, Sihon agus Og, a sgrios sibh gu tur.

Agus sheas na sagartan, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, gu daingeann air talamh tioram am meadhon Iòrdain, agus chaidh na h‑Israeilich uile thairis air talamh tioram gus an robh an sluagh uile air dol thar Iòrdan.

Oir thiormaich an Tighearna ur Dia suas uisgeachan Iòrdain romhaibhse, gus an deachaidh sibh thairis, mar a rinn an Tighearna ur Dia air a’ mhuir ruaidh, a thiormaich e suas romhainn, gus an robh sinn air dol thairis;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan