Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhair ri cloinn Israeil, gun till iad, agus gun campaich iad fa chomhair Phi-hahiroit, eadar Migdol agus an fhairge, fa chomhair Bhàal-sèphoin; fa choinneamh-san campaichidh sibh làimh ris an fhairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Oir their Phàraoh mu chloinn Israeil, Tha iad air seachran anns an tìr, dh’iadh am fàsach man timcheall.

Ach chaidh na h‑Eiphitich air an tòir (eich agus carbadan Phàraoh, agus a mharc-shluagh, agus a armailt uile), agus rug iad orra, agus iad a’ campachach làimh ris an fhairge, làimh ri Pi‑hahirot, fa chomhair Bhàal-sèphoin.

Am facal a thàinig gu Ieremiah mu thimcheall nan uile Iùdhach a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit, a tha a chòmhnaidh aig Migdol, agus aig Tahpanes, agus aig Noph, agus ann an dùthaich Phatrois, ag ràdh,

Foillsichibh anns an Eiphit, agus cuiribh an cèill ann am Migdol; innsibh fòs ann an Noph, agus ann an Tahpanes abraibh: Seas daingeann, agus deasaich thu fhèin; oir shluig an claidheamh a’ mhuinntir a tha mun cuairt dhut.

Feuch, uime sin, tha mise ann ad aghaidh, agus an aghaidh d’aibhnichean; agus nì mi tìr na h‑Eiphit gu tur fàs agus falamh, o thùr Shiene, eadhon gu iomall Etiopia.

Agus thug mi ur n‑athraichean as an Eiphit: agus thàinig sibh a dh’ionnsaigh na fairge; agus lean na h‑Eiphitich ur n‑athraichean le carbadan agus marc-shluagh gus a’ mhuir ruaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan