Agus dh’fhalbh aingeal an Tighearna a chaidh ro champ Israeil, agus dh’imich e nan dèidh; agus dh’fhalbh am meall neòil o am beulaibh, agus sheas e air an cùlaibh.
Agus thàinig e eadar camp nan Eiphiteach agus camp Israeil, agus bha e na neul agus na dhorchadas dhaibh siud, ach shoillsich e an oidhche dhaibh seo, air chor is nach tàinig a h‑aon dhiubh am fagas da chèile rè na h‑oidhche.
Uime sin a‑nis imich, treòraich an sluagh a‑chum an ionaid mun do labhair mi riut; feuch, thèid m’aingeal romhad: gidheadh, anns an là anns am fiosraich mi, leanaidh mi am peacadh orra.
Oir chan ann le cabhaig a thèid sibh a‑mach, agus chan ann le teicheadh a shiùbhlas sibh; oir gluaisidh an Tighearna romhaibh, agus cuartaichidh Dia Israeil sibh on taobh chùil.
An sin brisidh do sholas a mach mar a’ mhadainn, agus fàsaidh do shlàinte gu grad; agus thèid d’fhìreantachd air thoiseach ort; bidh glòir an Tighearna gad chuartachadh on taobh chùil.
Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.
Thàinig am fear-brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.
Anns an là sin dìonaidh an Tighearna luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus bidh esan a tha lag nam measg anns an là sin mar Dhaibhidh; agus taigh Dhaibhidh mar Dhia, mar aingeal an Tighearna nan làthair.
Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch.