Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a gheibh mi glòir a‑thaobh Phàraoh, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc-shluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Eiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna.

Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh. Ann an seo aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t‑slait a tha am làimh na h‑uisgeachan a tha anns an abhainn, agus tionndaidhear iad gu fuil.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.

Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Shìdoin, agus bidh mi air mo ghlòrachadh ann ad mheadhon: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna, nuair a nì mi innte breitheanais, agus a bhios mi air mo naomhachadh innte.

Nuair a nì mi tìr na h‑Èiphit na fàsach, agus a bhios an dùthaich falamh den nì sin den robh i làn, nuair a bhuaileas mi na h‑uile a tha a chòmhnaidh innte, an sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh-sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan