Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cruadhaichidh mise, eadhon mise, cridhe nan Eiphiteach, agus thèid iad a‑steach nan dèidh: agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh, agus a‑thaobh a shlòigh uile, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc-shluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh suas maille ris araon carbadan agus marc-shluagh: agus bha a’ chuideachd ro‑mhòr.

Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs.

Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choicheangal ribhse, agus ri ur sliochd nur dèidh;

Agus lean na h‑Eiphitich, agus chaidh iad a‑steach nan dèidh gu meadhon na fairge, eadhon eich Phàraoh uile, a charbadan, agus a mharc-shluagh.

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.

Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus lean e air tòir chloinn Israeil: agus chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Eiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.

Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac-sa, eadhon do chiad-ghin.

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus nì mi mo chomharraidhean agus m’iongantasan lìonmhor ann an tìr na h‑Eiphit.

Mise, mise fhèin labhair; seadh, ghairm mi e, threòraich mi e, agus soirbhichidh a shlighe.

Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?

Uime sin, feuch, togaidh mise sibhse mar chudthrom, agus tilgidh mise air falbh, araon sibh fhèin agus a’ chathair seo, a thug mi dhuibhse, agus dur n‑athraichean, a‑mach as mo làthair:

Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Shìdoin, agus bidh mi air mo ghlòrachadh ann ad mheadhon: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna, nuair a nì mi innte breitheanais, agus a bhios mi air mo naomhachadh innte.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, lorgaidh mise, mise fhèin, mo chaoraich, agus iarraidh mi a‑mach iad.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh riu, Feuch, bheir mise, mise fhèin, breith eadar an sprèidh reamhar agus an sprèidh chaol.

Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise, eadhon mise ad aghaidh, agus nì mi breitheanais ann ad mheadhon, ann an sealladh nan cinneach.

Agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna Dia; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ris na slèibhtean, agus ris na cnuic, ris na sruthan, agus ris na gleanntan, Feuch, bheir mise, mise fhèin, claidheamh oirbh, agus sgriosaidh mi ur n‑ionadan àrda.

Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.

An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.

An sin thèid mise nur n‑aghaidh-se mar an ceudna ann am fraoch feirge; agus smachdaichidh mise, eadhon mise, seachd uairean sibh airson ur peacaidhean.

Uime sin nì e tròcair air an tì as àill leis, agus an tì as àill leis cruadhaichidh e.

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus tàirngidh mise ad ionnsaigh gu sruth Chisoin, Sisera, ceannard armailtean Iabin, le a charbadan agus a mhòr-shluagh; agus bheir mi thairis e dod làimh?

Carson uime sin a chruadhaicheas sibh ur cridhe, mar a chruadhaich na h‑Eiphitich agus Phàraoh an cridhe, nuair a rinn e gu h‑iongantach nam measg, nach do leig iad an sluagh air falbh, agus dh’imich iad?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan