Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach tog-sa suas do shlat, agus sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus thèid clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt e ri Gehasi, Crioslaich do leasraidh, agus glac mo bhata-sa ann ad làimh, agus bi ag imeachd: ma thachras tu air duine sam bith, na beannaich dha: agus ma bheannaicheas duine sam bith dhut, na freagair e a‑rìs: agus cuir mo bhata air aghaidh an leinibh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Carson a tha thu ag èigheach riumsa? Abair ri cloinn Israeil dol air an aghaidh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, a‑chum gun tig na h‑uisgeachan air an ais air na h‑Eiphitich, air an carbadan, agus air am marc-shluagh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich ron t‑sluagh, agus thoir leat cuid de sheanairean Israeil; agus do shlat leis an do bhuail thu an abhainn gabh ad làimh, agus bi ag imeachd:

Feuch, seasaidh mise romhad an sin, air a’ charraig ann an Hòreb, agus buailidh tusa a’ charraig, agus thig uisge a‑mach aisde, a‑chum gun òl an sluagh. Agus rinn Maois mar sin ann an sealladh seanairean Israeil.

Agus gabhaidh tu an t‑slat seo ann ad làimh, leis an dèan thu comharraidhean.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Ciod sin ann ad làimh? Agus thubhairt esan, Slat.

Agus ghabh Maois a bhean agus a mhic, agus chuir e iad air asail, agus thill e do thìr na h‑Eiphit. Agus ghabh Maois slat Dhè na làimh.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Gabh do shlat, agus sìn a‑mach do làmh air uisgeachan na h‑Eiphit, air an aibhnichean, air an sruthan, agus air an lochan, agus air uile cho-chruinneachadh an uisgeachan, a‑chum is gum fàs iad nam fuil: agus bidh fuil air feadh tìr na h‑Eiphit uile, araon ann an soithichean fiodha, agus ann an soithichean cloiche.

Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair.

Agus togaidh Tighearna nan sluagh slat-sgiùrsaidh na aghaidh, cosmhail ri àr Mhidiain aig carraig Oreib: agus mar a bha a shlat air an fhairge, mar sin togaidh e suas i, a rèir gnàth na h‑Eiphit.

An robh corraich air an Tighearna ris na tuiltean? An robh d’fhearg an aghaidh nan aibhnichean? An robh do chorraich an aghaidh na fairge, gun do mharcaich thu air d’eich, agus air do charbadan slàinte?

Agus thog Maois suas a làmh, agus bhuail e a’ charraig le a shlait dà uair; agus thàinig an t‑uisge a‑mach gu pailt: agus dh’òl an co‑chruinneachadh, agus an sprèidh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Sìn a‑mach an t‑sleagh a tha ad làimh rathad Ai; oir bheir mise ad làimh e. Agus shìn Iosua a‑mach an t‑sleagh a bha aige na làimh, a dh’ionnsaigh a’ bhaile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan