Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Eiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.

Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia d’athar: na biodh eagal ort dol sìos don Eiphit; oir nì mise ad chinneach mòr thu an sin:

Rid shlàinte dh’fheith mise, O Thighearna.

Agus fhreagair esan, Na biodh eagal ort; oir is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leòsan.

Agus shuidhich iadsan iad fhèin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich: agus shaor an Tighearna iad le saorsa mhòir.

Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia.

Cha bhi cath agaibh ra chur an seo; a‑mhàin thigibh an làthair, seasaibh, agus faicibh saorsa an Tighearna maille ribh, a Iùdah, agus a Ierusaleim: na biodh eagal no faitcheas oirbh; a‑màireach rachaibh a‑mach nan aghaidh, agus bidh an Tighearna maille ribh.

Agus chunnaic thu àmhghar ar n‑athraichean anns an Eiphit, agus chuala tu an glaodh aig a’ mhuir ruaidh:

Is leis an Tighearna an fhurtachd; air do shluagh tha do bheannachd. Selah.

Ach brisidh Dia ceann a naimhdean, claigeann greannach an fhir a dh’imicheas na pheacaidhean.

Agus a stiùir e iad gu tèarainte, air chor is nach robh eagal orra, ach a chòmhdaich an fhairge an naimhdean;

A‑mhàin led shùilean seallaidh tu, agus chì thu dìol nan aingidh.

Mar seo shaor an Tighearna Israel air an là sin à làimh nan Eiphiteach: agus chunnaic Israel na h‑Eiphitich marbh air tràigh na fairge.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal-san oirbh, air chor is nach peacaich sibh.

Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.

Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.

Abraibh riùsan a tha lag-chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath-dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh.

Is mise, eadhon mise, an Tighearna; agus a‑mach uamsa chan eil slànaighear ann.

Agus abair ris, Thoir an aire, agus bi ad thosd; na gabh eagal, agus na bi lag-chridheach, airson dà eàrr nan aithinnean smùidreach seo, airson corraich Resin agus Shiria, agus mac Remaliah.

Gu deimhinn chan eil ach dìomhanas anns na cnuic, ann an neart nan slèibhtean; gu deimhinn anns an Tighearna ar Dia-ne tha slàinte Israeil.

Is math a bhith ann an dòchas, agus feitheamh gu fòil ri slàinte an Tighearna.

Ach air taigh Iùdah nì mi tròcair, agus tèarnaidh mi iad leis an Tighearna an Dia, agus chan ann le bogha no le claidheamh a thèarnas mi iad, no le cath, no le eich, no le marcaich.

Gidheadh is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑nìos thu o thìr na h‑Eiphit, agus cha bhi aithne agad air dia air bith ach mise; oir chan eil slànaighear ann ach mi.

O Israeil, sgrios thu thu fhèin, ach annamsa tha do chobhair.

Chaidh thu a‑mach airson tèarnadh do shluaigh, airson tèarnadh do mhuinntir ungte: bhuail thu an ceann o thaigh an aingidh; leig thu ris na bunaitean gu ruig a’ mhuineil. Selah.

An robh corraich air an Tighearna ris na tuiltean? An robh d’fhearg an aghaidh nan aibhnichean? An robh do chorraich an aghaidh na fairge, gun do mharcaich thu air d’eich, agus air do charbadan slàinte?

A‑mhàin na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, agus na biodh eagal sluagh an fhearainn oirbh; oir is aran dhuinn iad: dh’fhalbh an dìon uapa, agus tha an Tighearna maille rinne; na biodh eagal oirbh romhpa.

Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh.

Agus their e riu, Eisd, O Israeil, tha sibh an‑diugh a’ dol gu cath an aghaidh ur naimhdean: na biodh ur cridhe fann, na biodh eagal oirbh, agus na criothnaichibh, agus na biodh uamhann oirbh air an son;

Agus thubhairt Saul, Cha chuirear duine gu bàs air an là seo; oir an‑diugh dh’obraich an Tighearna saorsa ann an Israel.

A‑nis uime sin seasaibh agus faicibh an nì mòr seo, a nì an Tighearna fa chomhair ur sùl.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan