Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 14:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach e seo am facal a labhair sinn riut anns an Eiphit, ag ràdh, Leig leinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich? Oir b’fheàrr dhuinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich na bàs fhaghail anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Cha do thuig ar n‑athraichean d’iongantasan anns an Eiphit; cha do thuig iad lìonmhorachd do thròcairean, ach bhrosnaich iad thu làimh ris a’ mhuir, aig a’ mhuir ruaidh.

Agus eadhon nuair a leig Phàraoh don t‑sluagh imeachd, cha do threòraich Dia iad air slighe tìr nam Philisteach, ged bha sin aithghearr; oir thubhairt Dia, Air eagal gum bi aithreachas air an t‑sluagh nuair a chì iad cogadh, agus gun till iad don Eiphit.

A‑nis uime sin, feuch, tha glaodh chloinn Israeil air teachd am ionnsaigh-sa; agus mar an ceudna chunnaic mi am foir-èiginn leis a bheil na h‑Eiphitich gam foir-èigneadh.

Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.

Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa.

Tha Ephraim air a dhlùth-cheangal ri iodhalan, leig leis:

Uime sin a‑nis, O Thighearna, buin, guidheam ort, m’anam uam; oir is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.

Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.

Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.

Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan