Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

38 Iomraidhean Croise  

A‑nis is iad seo do sheirbhisich agus do shluagh, a shaor thu led mhòr chumhachd, agus led làimh thrèin.

Agus a thug a‑mach Israel as am meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Le làimh thrèin, agus le gàirdean sìnte a‑mach, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Agadsa tha gàirdean neartmhor; is làidir do làmh, is àrd do dheaslàmh.

Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.

Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich-bliadhna-fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:

Agus bidh e mar chomharradh air do làimh, agus mar aodannan eadar do shùilean; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Eiphit, à taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte.

Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Eiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd.

Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.

Oir nan coron maise bidh iad dod cheann, agus nan slabhraidhean dod mhuineal.

A mhic, na dealaicheadh iad rid shùilean: coimhead gliocas fallain agus tuigse.

Gus an tèid saighead tro a àinean, mar a ghreasas eun don ribe, gun fhios aige gur ann a‑chum a bhàis a tha e.

Cuir mise mar sheula air do chridhe, mar sheula air do ghàirdean; oir làidir mar am bàs tha an gràdh, an‑iochdmhor mar an uaigh an t‑eud: is èibhlean a teine a èibhlean-san, lasair ro‑gharg.

Anns an là sin smachdaichidh an Tighearna le a chlaidheamh cruaidh, agus mòr agus làidir, Lebhiatan, an nathair dhìreach, agus Lebhiatan, an nathair lùbach; agus marbhaidh e an dràgon a tha anns an fhairge.

Feuch, thig an Tighearna Iehòbhah le làimh làidir, agus bheir a ghàirdean buaidh a‑mach dha; feuch, tha a dhuais maille ris, agus a obair na fhianais.

Their am fear seo, Is leis an Tighearna mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iàcoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a làimh don Tighearna, agus sloinnidh e e fhèin air ainm Israeil.

Feuch air deàrnan mo làmh gheàrr mi thu; tha do bhallachan am fhianais an còmhnaidh.

Dùisg, dùisg, cuir umad neart, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab, a lot an dràgon?

Agus air mo shon-sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh.

Mar as beò mise, deir an Tighearna, ged b’e Coniah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, am fàinne air mo làimh dheis, gidheadh as a sin dhèanainn do spìonadh;

Agus a‑nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit le làimh chumhachdaich, agus a fhuair dhut fhèin cliù, mar air an là‑an‑diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h‑aingidh.

Agus cuiridh an Tighearna a‑mach a ghuth fa chomhair a fheachd: oir tha a champ ro‑mhòr; oir is treun esan a thoirt gu buil a fhacail; oir tha là an Tighearna mòr agus ro‑uamhasach, agus cò a dh’fhaodas a fhulang?

Agus bidh e dhuibh mar fhabhra, agus amhaircidh sibh air, a‑chum gun cuimhnich sibh uile àitheantan an Tighearna, agus gun dèan sibh iad; agus nach iarr sibh an dèidh ur cridhe agus ur sùl fhèin, nithean as àbhaist dhuibh dol nan dèidh le ana-miann:

Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine: nì iad am philactaraidhean leathann, agus iomall an aodaich mòr;

Ach ciod a tha i ag ràdh? Tha m’fhacal am fagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe: is e sin facal a’ chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh,

Ach tha am facal ro‑fhagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe, a‑chum gun dèan thu e.

Agus cuimhnich gu robh thu fhèin ad sheirbhiseach ann an tìr na h‑Eiphit, agus gun tug an Tighearna do Dhia a‑mach as a sin thu, le làimh chumhachdaich agus le gàirdean sìnte a‑mach: uime sin dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut an t‑sàbaid a choimhead.

An sin their thu rid mhac, Bha sinn nar tràillean aig Phàraoh anns an Eiphit, agus thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich.

Agus bidh na briathran seo, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, ann ad chridhe;

Agus ceanglaidh tu iad mar chomharradh air do làimh, agus bidh iad mar aodannain eadar do shùilean.

Uime sin ann an aon là thig a plàighean, bàs, agus bròn, agus gorta; agus loisgear i gu tur le teine: oir is neartmhor an Tighearna Dia a bheir breith oirre.

Agus thrèig iad an Tighearna Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus lean iad diathan eile, de dhiathan an t‑sluaigh a bha mun cuairt orra, agus chrom iad iad fhèin sìos dhaibh, agus bhrosnaich iad an Tighearna gu corraich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan