Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus innsidh tu dod mhac anns an là sin, ag ràdh, Nìthear seo air sgàth an nì sin a rinn an Tighearna dhòmhsa, nuair a thàinig mi a‑mach as an Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

A Dhè, le ar cluasan chuala sinn, dh’innis ar n‑athraichean dhuinn an obair a rinn thu nan làithean-san, anns na làithean o shean.

Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Eiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna.

Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:

Am beò, am beò, molaidh esan thu, mar a nì mise air an là‑an‑diugh; foillsichidh an t‑athair don chloinn do thairisneachd.

Agus athraichean, na brosnaichibh ur clann a‑chum feirge: ach togaibh iad ann an oilean agus ann an teagasg an Tighearna.

Nuair a dh’fhiosraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na teisteis, agus do na reachdan, agus do na breitheanais a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuibh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan