Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, a mhionnaich e dod athraichean gun tugadh e dhut, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil, an sin coimheadaidh tu an t‑seirbhis seo anns a’ mhìos seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Bi air chuairt anns an tìr seo, agus bidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhutsa, agus dod shliochd, bheir mise na dùthchannan sin uile, agus coileanaidh mi na mionnan a mhionnaich mi dod athair Abrahàm:

Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.

Agus an t‑Ibheach, agus an t‑Archach, agus an Sineach,

Agus gleidhidh sibh an nì seo mar òrdagh dhuibh fhèin agus dur mic gu sìorraidh.

Air an adhbhar sin coimheadaidh tu an t‑òrdagh seo na thràth fhèin o bhliadhna gu bliadhna.

Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach mar a mhionnaich e dhutsa agus dod athraichean, agus a bheir e dhut e,

Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh à àmhghar na h‑Eiphit, gu fearann nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.

Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd-se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh suas as a seo, thu fhèin agus an sluagh a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a dh’ionnsaigh na tìre a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd-sa bheir mi i:

Coimhead thusa an nì a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh: Feuch, fuadaichidh mi a‑mach romhad an t‑Amorach, agus an Canàanach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach.

Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choicheangal riu, gun tugainn dhaibh tìr Chanàain, tìr an cuairte, anns an robh iad nan coigrich.

Agus bheir mi a‑steach sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a mhionnaich mi gun tugainn e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd; Is mise an Tighearna.

A‑chum gun coilean mi na mionnan a mhionnaich mi dur n‑athraichean gun tugainn dhaibh fearann a’ sruthadh le mil agus le bainne, mar air an là‑an‑diugh. An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, Amhlaidh biodh, O Thighearna.

Agus a thug dhaibh am fearann seo, a mhionnaich thu don athraichean gun tugadh tu dhaibh, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil:

Anns an là anns an do thog mi suas mo làmh air an son gu an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum fearainn a rannsaich mi a‑mach dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann;

Ach thubhairt mi ribhse, Sealbhaichidh sibh am fearann, agus bheir mi dhuibh e a‑chum a shealbhachadh, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil: Is mise an Tighearna ur Dia, a dhealaich sibhse o gach sluagh eile.

Am mise a ghin an sluagh seo uile? An ann dhomh a rugadh iad, gun abradh tu rium, Giùlain ad uchd iad (mar a ghiùlaineas oide-altraim leanabh na cìche) a‑chum an fhearainn a mhionnaich thu dan athraichean?

Agus dh’innis iad dha, agus thubhairt iad, Thàinig sinne a dh’ionnsaigh an fhearainn gus an do chuir thu sinn, agus gu deimhinn tha e a’ sruthadh le bainne agus le mil; agus is e seo a thoradh.

A chionn nach b’urrainn an Tighearna an sluagh seo a thoirt don fhearann a mhionnaich e dhaibh, uime sin mharbh e iad anns an fhàsach.

Gun amharas sam bith cha tig sibh a‑steach don fhearann a mhionnaich mise gun tugainn oirbh còmhnaidh a ghabhail ann, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin.

Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de na daoine a thàinig a‑nìos as an Eiphit, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, a chionn nach do lean iad mi gu h‑iomlan:

Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich romhad, a tha thu a’ dol a‑steach an siud a‑chum an sealbhachadh, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam fearann;

Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich, aig an robh am fearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam bailtean, agus nan taighean;

Agus nuair a thèid thu a‑steach don fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, agus a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu còmhnaidh ann,

Nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann a‑chum a bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, agus a thilgeas e a‑mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Peridsich, agus na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, seachd cinnich as mò agus as cumhachdaiche na thusa;

Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan