Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Eiphit, à taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

58 Iomraidhean Croise  

Ach anns a’ cheathramh linn thig iad an seo air an ais: oir chan eil aingidheachd nan Amorach fhathast làn.

(Oir cluinnidh iad mud ainm mòr-sa, agus mud làimh làidir, agus do ghàirdean sìnte a‑mach:) nuair a thig e agus a nì e ùrnaigh a dh’ionnsaigh an taighe seo;

Cuimhnichibh a obraichean iongantach a rinn e, a chomharraidhean agus breitheanais a bheòil;

A‑nis is iad seo do sheirbhisich agus do shluagh, a shaor thu led mhòr chumhachd, agus led làimh thrèin.

Agus nochd thu comharraidhean agus iongantasan air Phàraoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air uile shluagh a thìre; oir bha fhios agad gun do rinn iad gu h‑uaibhreach nan aghaidh: agus fhuair thu dhut fhèin ainm, mar air an là‑an‑diugh.

Cuimhnichibh a obraichean iongantach a rinn e, a chomharraidhean agus breitheanais a bheòil,

Molaibh-se an Tighearna. Nuair a thàinig Israel a‑mach as an Eiphit, taigh Iàcoib o shluagh coimheach,

Agus a thug a‑mach Israel as am meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Le làimh thrèin, agus le gàirdean sìnte a‑mach, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Is iad ceartas agus breitheanas àite-tàimh do rìgh-chathrach; thèid tròcair agus fìrinn rod ghnùis.

Seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel.

Agus cumaidh sibh fèill an arain neo-ghortaichte; oir air an là sin fhèin thug mise a‑mach ur slòigh à tìr na h‑Eiphit; uime sin coimheadaidh sibh an là seo nur ginealaichean, le òrdagh sìorraidh.

Rè seachd làithean chan fhaighear taois ghoirt nur taighean: oir ge bè neach a dh’itheas aran gortaichte, gearrar an t‑anam sin fhèin as o choitheanal Israeil, co‑dhiù as coigreach e, no neach a rugadh anns an tìr.

Bidh am mìos seo dhuibh na thoiseach nam mìos: bidh e dhuibh na chiad mhìos na bliadhna.

Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich-bliadhna-fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Is oidhche seo gu bhith air a coimhead gu h‑àraidh don Tighearna, airson an toirt-san a‑mach à tìr na h‑Eiphit: seo an oidhche sin gu bhith air a coimhead don Tighearna le cloinn Israeil uile nan ginealaichean.

Agus ithidh iad an fheòil anns an oidhche sin fhèin ròiste le teine, agus aran neo-ghortaichte; maille ri luibhean searbha ithidh iad e.

Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:

Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.

Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh.

Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut, anns an àm shuidhichte den mhìos Abib; oir anns a’ mhìos sin thàinig thu a‑mach as an Eiphit: agus cha tig neach air bith am làthair-sa falamh:

Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Eiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd.

Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut ann an àm a’ mhìos Abib; oir anns a’ mhìos Abib thàinig thu a‑mach as an Eiphit.

An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, A‑nis chì thu ciod a nì mi ri Phàraoh: oir le làimh làidir leigidh e leo imeachd, agus le làimh làidir fuadaichidh e a‑mach as a dhùthaich iad.

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.

Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Rinn mise coicheangal ri ur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a mach à tìr na h‑Eiphit, à taigh nan daor, ag ràdh,

Agus a‑nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit le làimh chumhachdaich, agus a fhuair dhut fhèin cliù, mar air an là‑an‑diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h‑aingidh.

Agus nuair a thig sibh a‑steach do thaigh, beannaichibh dha.

Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp-sa a tha air a thoirt air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.

Agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa a tha air a bhriseadh air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.

Uime sin cumamaid an fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, no le taois ghoirt a’ mhìoruin agus an uilc; ach le aran neo-ghortaichte an treibhdhireis agus na fìrinn.

Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh-ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun-neirt;

Agus clachaidh tu e le clachan, a‑chum gum bàsaich e; a chionn gun d’iarr e do tharraing on Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Agus cluinnidh Israel uile, agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad nas mò a leithid seo de ghnìomh aingidh nur measg.

Agus cuirear am fàidh sin, no am fear sin a chì aisling, gu bàs; a chionn gun do labhair e a‑chum sibhse a chur air seachran on Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, agus a dh’fhuasgail sibh à taigh na daorsa, a‑chum d’iomain a‑mach as an t‑slighe anns an d’àithn an Tighearna do Dhia dhut imeachd; mar sin cuiridh tu air falbh an t‑olc as do mheadhon.

Ma chuireas do bhràthair, mac do mhàthar, no do mhac fhèin, no do nighean, no bean-phòsda d’uchd, no do charaid, a tha dhut mar d’anam, impidh ort ann an uaigneas, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhut fhèin no dod athraichean;

Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit; agus shaor an Tighearna do Dhia thu: uime sin tha mi ag àithneadh seo dhut an‑diugh.

Coimhead mìos Abib, agus cumaidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia: oir anns a’ mhìos Abib thug an Tighearna do Dhia thu a‑mach as an Eiphit anns an oidhche.

Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill anns an Eiphit: agus coimheadaidh tu, agus nì thu na reachdan seo.

Chan ith thu aran gortaichte sam bith leatha: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte leatha, eadhon aran àmhghair; (oir le cabhaig thàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit;) a‑chum gun cuimhnich thu an là air an tàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, uile làithean do bheatha.

Ach cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill anns an Eiphit, agus gun do shaor an Tighearna do Dhia thu as a sin: uime sin tha mi ag àithneadh dhut an nì seo a dhèanamh.

Agus cuimhnichidh tu gu robh thu ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit: uime sin tha mi ag àithneadh dhut an nì seo a dhèanamh.

Agus thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhann mòr, agus le comharraidhean, agus le iongantasan:

No an d’fheuch Dia ri dol gu cinneach a ghabhail dha fhèin, o mheasg cinnich eile, le deuchainnean, le comharraidhean, agus le iongantasan, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhasan mòra, a rèir nan uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl?

Agus cuimhnich gu robh thu fhèin ad sheirbhiseach ann an tìr na h‑Eiphit, agus gun tug an Tighearna do Dhia a‑mach as a sin thu, le làimh chumhachdaich agus le gàirdean sìnte a‑mach: uime sin dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut an t‑sàbaid a choimhead.

Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thusa à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

An sin thoir an aire air eagal gun dìochuimhnich thu an Tighearna, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

An sin their thu rid mhac, Bha sinn nar tràillean aig Phàraoh anns an Eiphit, agus thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich.

Ach a chionn gun do ghràdhaich an Tighearna sibh, agus a‑chum gun gleidheadh e na mionnan a mhionnaich e dur n‑athraichean, thug an Tighearna a‑mach sibh le làimh chumhachdaich, agus shaor e thu à taigh nan tràillean, à làimh Phàraoh righ na h‑Eiphit.

Gum bi an sin do chridhe air a thogail suas, agus gun dìochuimhnich thu an Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, agus à taigh na daorsa;

Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich sìos gu luath as a seo; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach as an Eiphit, iad fhèin: chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh; rinn iad dhaibh fhèin dealbh leaghte.

Oir an Tighearna ar Dia, is esan a thug a‑nìos sinne agus ar n‑athraichean à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa, agus a rinn na comharraidhean mòra sin nar sealladh, agus a ghlèidh sinn anns an uile shlighe air an d’imich sinn, agus am measg nan uile shlògh trìd an deachaidh sinn:

Agus thrèig iad an Tighearna Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus lean iad diathan eile, de dhiathan an t‑sluaigh a bha mun cuairt orra, agus chrom iad iad fhèin sìos dhaibh, agus bhrosnaich iad an Tighearna gu corraich.

Chuir an Tighearna fàidh a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thug mi a‑nìos sibh on Eiphit, agus thug mi a‑mach sibh à taigh na daorsa;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan