Gidheadh ad thruacantas mòr cha do thrèig thu iad anns an fhàsach: cha do dhealaich am meall neòil riu anns an là, gu an treòrachadh air an t‑slighe; no am meall teine anns an oidhche, a shoillseachadh na slighe dhaibh air an imicheadh iad.
Agus dh’fhalbh aingeal an Tighearna a chaidh ro champ Israeil, agus dh’imich e nan dèidh; agus dh’fhalbh am meall neòil o am beulaibh, agus sheas e air an cùlaibh.
Oir bha neul an Tighearna air a’ phàillean anns an là, agus bha teine air anns an oidhche, ann an sealladh taigh Israeil uile, air feadh an uile thurasan.
Agus cruthaichidh an Tighearna air gach àite-tàimh de shliabh Shioin, agus air a coitheanalan, neul anns an là, agus deatach, agus dealradh teine lasraich anns an oidhche; oir thar a’ ghlòir uile bidh còmhdach.
Agus air an là anns an do thogadh suas am pàillean, chòmhdaich an neul am pàillean, eadhon bùth na Fianais; agus air feasgar bha air a’ phàillean mar gum bu choslas teine gus a’ mhadainn.
Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha-frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.