Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh an Tighearna romhpa anns an là ann am meall neòil, a‑chum an treòrachadh air an t‑slighe, agus anns an oidhche ann am meall teine a thoirt solais dhaibh, gu imeachd a là agus a dh’oidhche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus le meall neòil threòraich thu iad anns an là; agus le meall teine anns an oidhche, a shoillseachadh dhaibh na slighe air an imicheadh iad.

Gidheadh ad thruacantas mòr cha do thrèig thu iad anns an fhàsach: cha do dhealaich am meall neòil riu anns an là, gu an treòrachadh air an t‑slighe; no am meall teine anns an oidhche, a shoillseachadh na slighe dhaibh air an imicheadh iad.

Sgaoil e neul mar chòmhdach, agus teine gu solas a thoirt anns an oidhche.

A Dhè, nuair a chaidh thu a‑mach rod shluagh, nuair a dh’imich thu anns an fhàsach; Selah;

Threòraich thu mar threud do shluagh, le làimh Mhaois agus Aaroin.

Agus stiùir e iad le neul anns an là, agus air feadh na h‑oidhche le solas teine.

Ann am baideal neòil labhair e riu; ghlèidh iad a theisteis agus an reachd a thug e dhaibh.

Agus thubhairt e riu, Gu robh an Tighearna mar sin maille ribh, mar a leigeas mise leibh fhèin agus le ur cloinn bhig imeachd: amhaircibh, oir tha olc romhaibh.

Agus nuair a labhair Aaron ri coitheanal chloinn Israeil uile, dh’amhairc iad a dh’ionnsaigh an fhàsaich, agus, feuch, dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann an neul.

Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Eiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.

Cò ise a tha ag èirigh suas as an fhàsach mar stuaghan deataich, cùbhraidh le mirr agus tùis, le uile mhìn-dhus ceannaiche nan spìosraidh?

Agus bha neul an Tighearna orra anns an là, nuair a chaidh iad a‑mach as a’ champ.

Agus innsidh iad e do luchd-àiteachaidh an fhearainn seo: oir chuala iad gu bheil thusa, a Thighearna, am measg an t‑sluaigh seo; gu bheil thusa, a Thighearna, air d’fhaicinn aghaidh ri aghaidh; agus gu bheil do neul a’ seasamh os an cionn; agus gu bheil thu ag imeachd romhpa, ann am meall neòil anns an là, agus ann am meall teine anns an oidhche.

A dh’imich romhaibh anns an t‑slighe, a rannsachadh a‑mach àite dhuibh gus ur bùthan a shuidheachadh ann, ann an teine anns an oidhche, a nochdadh dhuibh ciod an t‑slighe air an imicheadh sibh, agus ann an neul anns an là.

Agus thèid an Tighearna e fhèin romhad; bidh esan maille riut, cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan