Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Naomhaich dhòmhsa gach ciad-ghin, ge bè air bith a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus a thabhairt ciad-ghin ar mac agus ar n‑ainmhidhean, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh, agus ciad-ghin ar cruidh agus ar caorach, gu taigh ar Dè, a dh’ionnsaigh nan sagart a fhrithealas ann an taigh ar Dè:

Agus gun tugamaid ciad-thoradh ar taoise, agus ar tabhartas, agus meas gach gnè craoibhe, fìona, agus ola, a dh’ionnsaigh nan sagart, gu seòmraichean taigh ar Dè; agus deicheamh ar fearainn do na Lèbhithich, air chor is gum faigheadh na Lèbhithich sin an deicheamh ann an uile bhailtean ar treabhachais.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Air britheamhan cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin thu.

Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar.

Agus their thu ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Is e Israel mo mhac, mo chiad-ghin:

Seadh cuideachd, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ghabh thu do mhic agus do nigheanan a rug thu dhòmhsa, agus iad seo dh’ìobair thu dhaibhsan gu bhith air an slugadh suas.

An nì suarach dhut, led strìopachas, gun do mharbh thu mo chlann, agus gun tug thu iad seachad gu dol tron teine air an son-san?

Ach ciad-ghin nan ainmhidh, a bu chòir a bhith na chiad-ghin don Tighearna, cha choisrig duine air bith sin, co‑dhiù as tarbh no caora e: is leis an Tighearna e.

Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù de gach feòil, a bheir iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, mas ann de dhuine, no de ainmhidh, bidh e leatsa: gidheadh gu cinnteach fuasglaidh tu ciad-ghin duine, agus ciad-ghin an ainmhidh neòghlain fuasglaidh tu.

Agus mise, feuch, ghabh mi na Lèbhithich o mheasg chloinn Israeil, an àit a’ chiad-ghin uile a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil: agus is leamsa na Lèbhithich;

A chionn gur leamsa gach uile chiad-ghin; oir air an là anns an do bhuail mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, naomhaich mi dhomh fhèin gach ciad-ghin ann an Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa iad: Is mise an Tighearna.

(Mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, Gach ciad-ghin mic a dh’fhosglas a’ bhrù, gairmear naomh don Tighearna e;)

Gach ciad-ghin fireann a bheirear am measg do chruidh, agus am measg do threud, naomhaichidh tu don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith le ciad-ghin do bhoin, cha mhò a lomas tu ciad-ghin do chaorach.

Gu làn-choitheanal agus eaglais nan ciad-ghin, a tha sgrìobhte anns na nèamhan, agus gu Dia, britheamh nan uile, agus gu spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan