Agus thug Maois cnàmhan Iòseiph leis: oir ghabh e mionnan teann de chloinn Israeil, ag ràdh, Gu cinnteach amhaircidh Dia oirbhse, agus bheir sibh suas mo chnàmhan leibh as a seo.
Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Feuch, tha mise a’ faotainn a’ bhàis; ach bidh Dia maille ribhse, agus bheir e a‑rìs sibh gu dùthaich ur n‑athraichean.
Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.
Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Iòseiph, a thug clann Israeil a‑nìos as an Eiphit, ann an Sechem, ann am mìr fearainn a cheannaich Iàcob o mhic Hamoir, athair Shecheim, airson ceud bonn airgid; agus bha e na oighreachd aig cloinn Iòseiph.