Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus eadhon nuair a leig Phàraoh don t‑sluagh imeachd, cha do threòraich Dia iad air slighe tìr nam Philisteach, ged bha sin aithghearr; oir thubhairt Dia, Air eagal gum bi aithreachas air an t‑sluagh nuair a chì iad cogadh, agus gun till iad don Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, ma nì iad aithreachas nan cridhe anns an tìr dan tugadh nam braighdean iad, agus ma dh’iompaichear iad, agus ma ghuidheas iad ort ann an tìr na muinntir a thug leo nam braighdean iad, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h‑eucorach, rinn sinn gu h‑aingidh;

Agus dhiùlt iad èisdeachd, agus cha do chuimhnich iad d’iongantasan a rinn thu nam measg; ach chruadhaich iad am muineal, agus dh’òrdaich iad ceannard, a‑chum tilleadh dan daorsa anns an Eiphit: ach is Dia thusa a tha ealamh gu maitheanas a thoirt seachad, gràsmhor agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an truacantas, agus cha do thrèig thu iad.

Agus nuair a thàinig Phàraoh am fagas, thog clann Israeil suas an sùilean, agus, feuch, bha na h‑Eiphitich air an tòir, agus bha eagal mòr orra: agus dh’èigh clann Israeil ris an Tighearna.

Ach cha do mheas Pòl gum bu chòir dhaibh esan a dh’fhalbh uapa o Phamphilia, agus nach deachaidh maille riu a‑chum na h‑obrach, a thoirt leo.

Do nach b’àill le ar n‑athraichean a bhith umhail, ach chuir iad uapa e, agus nan cridhe thill iad air an ais don Eiphit,

Ach cha chuir e eich an lìonmhorachd dha fhèin, cha mhò a bheir e air an t‑sluagh tilleadh don Eiphit, a‑chum is gun cuir e eich an lìonmhorachd: do bhrìgh gun dubhairt an Tighearna ribh, Cha till sibh o seo a‑mach nas mò air an t‑slighe sin.

Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh, a bhàrr air sin, ris an t‑sluagh, agus their iad, Cò e an duine a tha gealtach, agus lag-chridheach? Rachadh e agus tilleadh e da thaigh, a‑chum nach dèan e cridhe a bhràithrean lag mar a chridhe fhèin.

Agus bheir an Tighearna a‑rìs thu don Eiphit ann an longan, air an t‑slighe mun dubhairt mi riut, Chan fhaic thu a‑rìs i tuilleadh: agus an sin reicear sibh ri ur naimhdean mar thràillean agus mar bhan-tràillean, agus cha bhi neach ann gu ur ceannach.

Tre chreideamh thrèig e an Eiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo-fhaicsinneach.

Agus a‑nis uime sin gairm ann an cluasan an t‑sluaigh, ag ràdh, Ge bè neach air a bheil eagal agus geilt, tilleadh e, agus imicheadh e gu moch o shliabh Ghilead. Agus thill den t‑sluagh dà mhìle ar fhichead, agus dh’fhan deich mìle.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan