Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh e mar chomharradh air do làimh, agus mar aodannan eadar do shùilean; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

A‑nis is iad seo do sheirbhisich agus do shluagh, a shaor thu led mhòr chumhachd, agus led làimh thrèin.

Agus a thug a‑mach Israel as am meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Eiphit.

Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich-bliadhna-fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:

Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.

An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, A‑nis chì thu ciod a nì mi ri Phàraoh: oir le làimh làidir leigidh e leo imeachd, agus le làimh làidir fuadaichidh e a‑mach as a dhùthaich iad.

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal.

Agus a‑nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit le làimh chumhachdaich, agus a fhuair dhut fhèin cliù, mar air an là‑an‑diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h‑aingidh.

Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine: nì iad am philactaraidhean leathann, agus iomall an aodaich mòr;

Thagh Dia a’ phobaill seo, Israel, ar n‑athraichean, agus dh’àrdaich e am poball nuair a bha iad air choigrich ann an tìr na h‑Eiphit, agus le làimh àird thug e iad a‑mach aisde.

Uime sin taisgidh sibh suas iad seo mo bhriathran nur cridhe, agus nur n‑anam, agus ceanglaidh sibh iad mar chomharradh air ur làimh; agus bidh iad mar aodannain eadar ur sùilean.

Agus thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhann mòr, agus le comharraidhean, agus le iongantasan:

Agus cuimhnich gu robh thu fhèin ad sheirbhiseach ann an tìr na h‑Eiphit, agus gun tug an Tighearna do Dhia a‑mach as a sin thu, le làimh chumhachdaich agus le gàirdean sìnte a‑mach: uime sin dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut an t‑sàbaid a choimhead.

An sin their thu rid mhac, Bha sinn nar tràillean aig Phàraoh anns an Eiphit, agus thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich.

Agus thrèig iad an Tighearna Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus lean iad diathan eile, de dhiathan an t‑sluaigh a bha mun cuairt orra, agus chrom iad iad fhèin sìos dhaibh, agus bhrosnaich iad an Tighearna gu corraich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan