Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chruadhaich Phàraoh e fhèin, agus nach b’àill leis ar leigeadh air falbh, an sin mharbh an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon ciad-ghin duine, agus ciad-ghin ainmhidh; air an adhbhar sin, ìobraidh mi don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, mas fireann iad, ach uile chiad-ghin mo chloinne fuasglaidh mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail e gach ciad-ghin nan tìr, toiseach an neirt uile.

Agus air meadhon na h‑oidhche sin fhèin bhuail an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, o chiad-ghin Phàraoh a shuidh air a rìgh-chathair, gu ciad-ghin a’ chiomaich a bha ann an sloc a’ phrìosain; agus gach ciad-ghin ainmhidh.

Agus is deimhinn leam nach leig rìgh na h‑Eiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làidir.

Ach ciad-ghin asail fuasglaidh tu le uan; agus mura fuasgail thu e, an sin brisidh tu a amhach. Uile chiad-ghin do mhac fuasglaidh tu; agus cha nochdar a h‑aon am làthair-sa falamh.

Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac-sa, eadhon do chiad-ghin.

Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù de gach feòil, a bheir iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, mas ann de dhuine, no de ainmhidh, bidh e leatsa: gidheadh gu cinnteach fuasglaidh tu ciad-ghin duine, agus ciad-ghin an ainmhidh neòghlain fuasglaidh tu.

Agus air an son-san a tha gu bhith air am fuasgladh den dà cheud agus an trì-fichead agus an trì-deug, de chiad-ghin chloinn Israeil, a tha nas lìonmhoire na na Lèbhithich;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan