Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 13:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gach ciad-ghin asail fuasglaidh tu le uan; agus mura fuasgail thu e, an sin brisidh tu a amhach: agus gach ciad-ghin duine am measg do chloinne fuasglaidh tu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An sin ghairm Maois air seanairean Israeil uile, agus thubhairt e riu, Tàirngibh a‑mach, agus gabhaibh dhuibh fhèin uan, a rèir ur teaghlaichean, agus marbhaibh a’ chàisg.

Labhraibh-se ri coitheanal Israeil uile, ag ràdh, Air an deicheamh là den mhìos seo gabhaidh iad dhaibh fhèin gach duine uan, a rèir taigh an athraichean, uan airson taighe.

Naomhaich dhòmhsa gach ciad-ghin, ge bè air bith a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa e.

Ach ciad-ghin asail fuasglaidh tu le uan; agus mura fuasgail thu e, an sin brisidh tu a amhach. Uile chiad-ghin do mhac fuasglaidh tu; agus cha nochdar a h‑aon am làthair-sa falamh.

Is iad seo an dream nach do shalaicheadh le mnathan; oir is òighean iad: is iad seo an dream a tha a’ leantainn an Uain ge bè àit an tèid e: shaoradh iad seo o mheasg dhaoine, nan ciad-thoradh do Dhia, agus don Uan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan