Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ithidh iad an fheòil anns an oidhche sin fhèin ròiste le teine, agus aran neo-ghortaichte; maille ri luibhean searbha ithidh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus ròist iad a’ chàisg le teine, a rèir na riaghailt; ach bhruith iad na tabhartasan naomha ann am poitean, agus ann an coireachan, agus ann an aighnean, agus roinn iad iad gu grad am measg an t‑sluaigh uile.

Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim.

Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan-creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.

Na ithibh a’ bheag dheth amh, no idir air a bhruitheadh ann an uisge, ach ròiste le teine: a cheann maille ra chasan, agus maille ra ghrealaich.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Eiphit, à taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte.

Ithear aran neo-ghortaichte seachd làithean; agus chan fhaicear aran gortaichte agad, agus cha mhò a chìthear taois ghoirt agad ann ad chrìochan uile.

Cha toir thu seachad fuil m’ìobairt-sa le aran gortaichte, cha mhò a dh’fhanas saill m’ìobairt gu madainn.

Chan ìobair thu fuil m’ìobairt-sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt fèill na càisge.

Ach b’i toil an Tighearna a bhruthadh; chuir e fo àmhghar e; nuair a nì thu a anam na ìobairt-rèitich, chì e sliochd, sìnear a làithean; agus soirbhichidh rùn an Tighearna na làimh.

Agus ìobraibh ìobairt-bhuidheachais le taois ghoirt, agus èighibh, cuiribh an cèill na saor-thabhartasan; oir tha seo taitneach dhuibh, O chlann Israeil, deir an Tighearna Iehòbhah.

Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.

An sin thuig iad cionnas nach d’iarr e orra a bhith air am faicill o thaois ghoirt an arain, ach o theagasg nam Pharasach agus nan Sadusach.

Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa.

Gortaichidh beagan de thaois ghoirt am meall uile.

Agus ròistidh agus ithidh tu i anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia: agus tillidh tu anns a’ mhadainn, agus thèid thu dod bhùthan.

Agus rinneadh sibh nur luchd-leanmhainn oirnne, agus air an Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann am mòr-àmhghar, le aoibhneas an Spioraid Naoimh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan