Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh-là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus chùm Iosiah ann an Ierusalem càisg don Tighearna: agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos.

Agus chùm clann a’ bhraighdeanais a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos.

Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.

Agus cumaidh sibh fèill an arain neo-ghortaichte; oir air an là sin fhèin thug mise a‑mach ur slòigh à tìr na h‑Eiphit; uime sin coimheadaidh sibh an là seo nur ginealaichean, le òrdagh sìorraidh.

Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ithidh sibh aran neo-ghortaichte, gu ruig an ciad là ar fhichead den mhìos anns an fheasgar.

Nì coitheanal Israeil uile sin.

Agus dh’fhalbh iad o Elim, agus thàinig coitheanal chloinn Israeil uile gu fàsach Shin a tha eadar Elim agus Sinài, air a’ chòigeamh-là‑deug den dara mìos an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Chuala mi gearan chloinn Israeil; labhair riu, ag ràdh, Mu fheasgar ithidh sibh feòil, agus anns a’ mhadainn sàsaichear sibh le aran: agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.

Anns an treas mìos an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns an là sin fhèin thàinig iad gu fàsach Shinài.

Agus uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar.

Agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar, agus nì thu ris a rèir tabhartas-bìdh na maidne, agus a rèir a tabhartais-dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.

Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos, bidh a’ chàisg agaibh, fèill seachd làithean; ithear aran gun ghortachadh.

Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos air feasgar, bidh càisg an Tighearna.

Agus air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos tha càisg an Tighearna.

Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air;

Anns a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos air feasgar cumaidh iad i: le aran neo-ghortaichte, agus le lusan searbha ithidh iad i.

Ach chuir na h‑àrd-shagartan agus na seanairean impidh air a’ phoball gun iarradh iad Barabas, agus gum milleadh iad Iosa.

Agus fhreagair am poball uile, agus thubhairt iad, Biodh a fhuil oirnne, agus air ar cloinn.

Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd-shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.

Ach bhrosnaich na h‑àrd-shagartan an sluagh, a‑chum gum b’fheàrr leo Barabas a chur fa sgaoil dhaibh.

Agus bha an treas uair ann; agus cheus iad e.

Agus air glaodhaich gu h‑àrd don t‑sluagh, thòisich iad air iarraidh air a dhèanamh dhaibh mar a rinn e an còmhnaidh.

Agus air èirigh dan cuideachd uile, thug iad e gu Pilat.

Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas:

An duine seo, a thugadh thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ghlac sibhse, agus le làmhan dhroch dhaoine cheus agus mharbh sibh e:

Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh, agus am Fìrean, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh;

Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil,

Agus champaich clann Israeil ann an Gilgal, agus chùm iad a’ chàisg, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ann an còmhnardan Iericho.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan