Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:51

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, air an là sin fhèin, thug an Tighearna a‑mach clann Israeil à tìr na h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.

Agus anns a’ cheathramh ceud agus an ceathramh-fichead bliadhna o theachd chloinn Israeil a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns a’ cheathramh bliadhna de rìoghachadh Sholaimh os cionn Israeil, anns a’ mhìos Siph, (is e sin an dara mìos,) thòisich e air taigh a thogail don Tighearna.

Agus bhuail an Tighearna na h‑Etiopaich ro Asa, agus ro Iùdah: agus theich na h‑Etiopaich.

Molaibh-se an Tighearna. Nuair a thàinig Israel a‑mach as an Eiphit, taigh Iàcoib o shluagh coimheach,

Agus a thug a‑mach Israel as am meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich-bliadhna-fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Mar seo rinn clann Israeil uile; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Agus dh’fhalbh iad o Elim, agus thàinig coitheanal chloinn Israeil uile gu fàsach Shin a tha eadar Elim agus Sinài, air a’ chòigeamh-là‑deug den dara mìos an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Anns an treas mìos an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns an là sin fhèin thàinig iad gu fàsach Shinài.

Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.

Is iad seo an t‑Aaron agus am Maois ud, ris an dubhairt an Tighearna, Thugaibh a‑mach clann Israeil à tìr h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.

A‑chum gum bi fhios aig ur ginealaichean gun tug mise air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail ann am pàilleanan, nuair a thug mi a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.

Fòs thug mi sibhse a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, agus stiùir mi sibh tron fhàsach dà‑fhichead bliadhna; a‑chum gun sealbhaicheadh sibh fearann nan Amorach.

Oir thug mi a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; agus à taigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam.

Thug Dia a‑mach iad as an Eiphit; tha aige amhail neart an aon-adharcaich.

Gabhaibh àireamh an t‑sluaigh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do chloinn Israeil, a chaidh a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Is iad seo turasan chloinn Israeil, a chaidh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a rèir an armailtean, fo làimh Mhaois agus Aaroin.

Thagh Dia a’ phobaill seo, Israel, ar n‑athraichean, agus dh’àrdaich e am poball nuair a bha iad air choigrich ann an tìr na h‑Eiphit, agus le làimh àird thug e iad a‑mach aisde.

Coimhead mìos Abib, agus cumaidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia: oir anns a’ mhìos Abib thug an Tighearna do Dhia thu a‑mach as an Eiphit anns an oidhche.

Agus a chionn gun do ghràdhaich e d’athraichean, uime sin thagh e an sliochd nan dèidh, agus thug e thusa a‑mach na shealladh, le a chumhachd mòr, as an Eiphit;

Chuir mi Maois mar an ceudna agus Aaron a‑mach, agus bhuail mi an Eiphit, a rèir an nì sin a rinn mi na meadhon: agus an dèidh sin thug mi sibhse a‑mach.

Uime sin is àill leam ur cur an cuimhne, ged bha fhios agaibh aon uair air seo, cionnas an dèidh don Tighearna am poball a shaoradh à tìr na h‑Eiphit, a sgrios e an dèidh sin an dream nach do chreid.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan