Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:50

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo rinn clann Israeil uile; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich-bliadhna-fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Bidh an t‑aon lagh aigesan a rugadh anns an tìr, agus aig a’ choigreach a tha air chuairt nur measg.

Agus, air an là sin fhèin, thug an Tighearna a‑mach clann Israeil à tìr na h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Is iad seo an t‑Aaron agus am Maois ud, ris an dubhairt an Tighearna, Thugaibh a‑mach clann Israeil à tìr h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.

Agus thug Maois airgead na muinntir sin a dh’fhuasgladh do Aaron agus da mhic, a rèir facal an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Eadhon mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn nigheanan Shelophehaid:

Agus rinn clann Israeil mar seo, agus chuir iad a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ: mar a labhair an Tighearna ri Maois, mar sin rinn clann Israeil.

Agus thug mi na Lèbhitich mar thìodhlac do Aaron, agus da mhic, o mheasg chloinn Israeil, a dhèanamh seirbhis chloinn Israeil ann am pàillean a’ choitheanail, agus a dhèanamh rèite airson chloinn Israeil; a‑chum is nach bi plàigh sam bith am measg chloinn Israeil, nuair a thig clann Israeil am fagas don ionad naomh.

Agus rinn Maois agus Aaron, agus co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, ris na Lèbhitich a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn clann Israeil riu.

Agus an dèidh sin chaidh na Lèbhitich a‑steach, a dhèanamh an seirbhis ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair Aaroin agus an làthair a mhac: mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn iad riu.

Agus chùm iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos air feasgar, ann am fàsach Shinài: a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Mas aithne dhuibh na nithean seo, is beannaichte sibh ma nì sibh iad.

Is sibhse mo chàirdean-sa, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh.

Thubhairt a mhàthair ris an luchd-frithealaidh, Ge bè nì a their e ribh, dèanaibh e.

Gach nì a tha mise ag àithneadh dhuibh, thugaibh an aire gun dèan sibh e: cha chuir thu ris, cha mhò a bheir thu nì sam bith uaithe.

Tre chreideamh thrèig e an Eiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo-fhaicsinneach.

Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan