Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh ur n‑uan gun ghaoid, fireann, bliadhna a dh’aois; as na caoraich no as na gobhair gabhaidh sibh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus ma bhios an teaghlach ro bheag airson uain, an sin gabhaidh esan agus a choimhearsnach as fhaisge da thaigh e, a rèir àireamh nan anaman; gach duine, a rèir a itheannaich, àirmhear leibh airson an uain.

Agus mas ann de na treudan a bhios a thabhartas, eadhon de na caoraich, no de na gobhair, a‑chum ìobairt-loisgte, na bheathach fireann gun ghaoid bheir e leis e.

Ma bhios a thabhartas den bhuar na ìobairt-loisgte, thugadh e seachad beathach fireann gun ghaoid: aig doras pàillean a’ choitheanail bheir e seachad e de a shaor thoil fhèin, an làthair an Tighearna.

Agus ìobraidh sibh air an là sin, nuair a luaisgeas sibh an sguab, uan fireann gun ghaoid, den chiad bhliadhna, mar ìobairt-loisgte don Tighearna.

Ach mallaichte gu robh am mealltair, aig a bheil fireann na threud, agus a bhòidicheas agus a dh’ìobras nì truaillidh don Tighearna: oir is Rìgh mòr mise, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus tha m’ainm uamhasach am measg nan cinneach.

Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:

Chan ìobair thu don Tighearna do Dhia tarbh, no caora, anns a bheil gaoid, no mì‑mhaise sam bith: oir is gràinealachd sin don Tighearna do Dhia.

Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;

Bha Saul deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà bhliadhna os cionn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan