Mar neach a rugadh nur measg bidh dhuibhse an coigreach a tha air chuairt maille ribh, agus gràdhaichidh tu e mar thu fhèin; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.
Bidh aon lagh agaibh air a shon-san a pheacaicheas trìd aineolais, araon air a shon-san a rugadh am measg chloinn Israeil, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg.
Bidh na sia bailtean sin nan dìdein, araon do chloinn Israeil, agus don choigreach, agus dhàsan a bhios air chuairt nam measg; a‑chum gun teich gach neach an sin, a mharbhas duine gun fhios.
Agus ma bhios coigreach air chuairt nur measg, agus gun cùm e a’ chàisg don Tighearna, a rèir òrdagh na càisge, agus a rèir a gnàtha, mar sin nì e: bidh aon òrdagh agaibh araon airson a’ choigrich, agus air a shon-san a rugadh anns an tìr.
Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall-ghearradh, no neo-thimcheall-ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile.