Ecsodus 12:48Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a bhios coigreach air chuairt maille riut, agus a chumas e a’ chàisg don Tighearna, timcheall-ghearrar gach fireannach aige, agus an sin thigeadh e am fagas ga cumail, agus bidh e mar neach a rugadh anns an tìr: ach chan ith neach sam bith neo-thimcheall-gheàrrte dhith. Faic an caibideil |
Oir gach aon de thaigh Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israel a tha ga sgaradh fhèin uamsa, agus a’ cur suas iodhalan na chridhe, agus a’ cur ceap-tuislidh aingidheachd fa chomhair, agus a’ teachd a‑chum fàidh, a dh’fhiosrachadh dheth mum thimcheall-sa; bheir mise Iehòbhah freagradh dha leam fhèin.
Agus tàrlaidh gun roinn sibh e le crannchur airson oighreachd dhuibh fhèin, agus do na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a ghineas clann nur measg: agus bidh iad dhuibh mar gum biodh iad air am breith anns an dùthaich am measg chloinn Israeil; bidh oighreachd aca maille ribh, am measg fineachan Israeil.