Labhraibh-se ri coitheanal Israeil uile, ag ràdh, Air an deicheamh là den mhìos seo gabhaidh iad dhaibh fhèin gach duine uan, a rèir taigh an athraichean, uan airson taighe.
Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh-là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar.
Ach an duine a tha glan, agus nach eil air thuras, agus a dhearmadas a’ chàisg a chumail; gearrar eadhon an t‑anam sin fhèin as o a shluagh, a chionn nach tug e seachad tabhartas an Tighearna na àm suidhichte: giùlainidh an duine sin a pheacadh.
Agus ma bhios coigreach air chuairt nur measg, agus gun cùm e a’ chàisg don Tighearna, a rèir òrdagh na càisge, agus a rèir a gnàtha, mar sin nì e: bidh aon òrdagh agaibh araon airson a’ choigrich, agus air a shon-san a rugadh anns an tìr.