Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar an ceudna chaidh iomadaidh de shluagh eile suas maille riu, agus treudan, agus buar, ro‑mhòran sprèidhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

A‑nis nuair a chuala iad an lagh, dhealaich iad an sluagh measgte uile o Israel.

Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna.

Agus mhiannaich an sluagh uisge ann an sin; agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, Carson seo a thug thu a‑nìos sinn as an Eiphit, a‑chum sinn fhèin a mharbhadh, agus ar clann, agus ar sprèidh le tart?

Agus chaidh mac ban-Israelich, aig an robh Eiphiteach na athair, a‑mach am measg chloinn Israeil: agus bha mac na ban-Israelich agus duine de Israel a’ còmhstri anns a’ champ.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.

Agus ghlac cìocras an cumasg sluaigh a bha nam measg: agus ghuil mar an ceudna clann Israeil a‑rìs, agus thubhairt iad, Cò a bheir dhuinn feòil ra h‑ithe?

Agus thubhairt clann Israeil ris, Imichidh sinn air an rathad mhòr; agus ma dh’òlas mi fhèin agus mo sprèidh ded uisge, bheir mi luach air a shon: a‑mhàin gun tuilleadh a dhèanamh, thèid mi troimhe dem chois.

A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:

Ach fanaidh ur mnathan, agus ur clann bheag, agus ur sprèidh (oir is aithne dhomh gu bheil mòran sprèidhe agaibh) nur bailtean a thug mi dhuibh;

Cha robh facal de na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, nach do leugh Iosua an làthair co‑chruinneachadh Israeil uile, agus nam ban, agus na cloinne bige, agus nan coigreach a bha a’ fantainn nam measg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan