Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd.
Agus shuidhich Iòseph a athair, agus a bhràithrean, agus thug e dhaibh sealbh ann an tìr na h‑Eiphit, anns a’ chuid as fheàrr den fhearann, ann am fearann Rameseis, mar a dh’àithn Phàraoh.
Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna.
Becah airson gach fir, is e sin leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh, airson gach aoin a chaidh gu bhith air àireamh, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, airson sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud fear.
Gabhaibh àireamh cinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, maille ri àireamh an ainmean, gach fireannach a rèir an ceann:
Agus thubhairt Maois, Tha an sluagh am measg a bheil mise nan sia ceud mìle coisiche; agus thubhairt thu, Bheir mi dhaibh feòil, a‑chum is gun ith iad rè mìos iomlain:
Is iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean: b’iadsan uile a chaidh àireamh de na campannan, a rèir an armailtean, sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud.
Agus dh’imich iad o Rameses anns a’ chiad mhìos, air a’ chòigeamh-là‑deug den chiad mhìos: air an là màireach an dèidh na càisge, chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird ann an sealladh nan Eiphiteach uile.